"Uabhas" an Nis mu chosgais togail fianais a' Ghuga

Luchd-togail fianais air mullach togalach NàdarAlba
  • Air fhoillseachadh

Tha feadhainn ann an Nis ag ràdh gu bheil iad air an uabhasachadh le fiosrachadh a fhuair iad a sheall gun do chosg togail fianais an aghaidh Sealg a' Ghuga còrr is £100,000 dhan sporan phoblach am-bliadhna.

Tha iomairt air a bhith a' leantainn anns na mìosan mu dheireadh às dèidh dhan t-sealg a dhol air adhart san Lùnastal 2025.

'S e sin a' chiad turas a bha na Nisich air a dhol a Shùlaisgeir bho 2021.

Bhon uairsin chuir còrr is 100,000 duine ainm ri athchuinge an aghaidh na seilge a chaidh air beulaibh Comataidh nan Athchuingean ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Chaidh an athchuinge a chumail fosgailte is thèid a dheasbad a-rithist sa phàrlamaid ùir.

Sheas tagraiche a bha a' cur an aghaidh Sealg a' Ghuga cuideachd ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba sa Chèitean.

Ach a thuilleadh air sin, tha luchd-iomairt air fianais a thogail grunn thursan aig oifisean NàdarAlba ann an Inbhir Nis.

Chaidh graffiti a sgrìobhadh air an togalach agus sa Mhàrt chaidh luchd-iomairt gu mullach an togalaich.

Lorna NicThòmais
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Lorna NicThòmais a dh'iarr am FOI

Tha iarrtas a rinn tè de mhuinntir Nis a-niste air sealltainn gu bheil cosgaisean còrr air £100,000 air tighinn air NàdarAlba am-bliadhna ann an co-cheangal ris an togail fianais.

Tha am FOI ag innse gun deach còrr is £80,000 a chosg air seirbheisean tèarainteachd a chur air dòigh aig togalach NàdarAlba.

Chaidh airgead a chosg cuideachd am measg eile air milleadh a chur ceart agus air cosgaisean laghail.

'S i Lorna NicThòmais à Nis a rinn an t-iarrtas.

Thuirt i gun robh i airson is gum biodh tuigse aice air cosgaisean dhan sporan phoblach.

"Tha dragh mòr orm mu na beachdan nimheil mun choimhearsnachd againn bho dhaoine a tha fad às is nach eil a' tuigsinn an eilein no cleachdaidhean againn," thuirt i.

"Tha còir aig daoine a bhith a' togail fianais gu sìtheil an aghaidh Sealg a' Ghuga, ach tha diofar mòr eadar cleachdadh a chàineadh agus dubh-chàineadh a dhèanamh air coimhearsnachd gu lèir".

Thuirt i gun deach càineadh is magadh a dhèanamh air daoine air sgàth 's cò às a tha iad no ceangal a th' aca leis an t-seilg, is gum bu chòir deasbad ceart a bhith ann eadar daoine mun chùis, ge b' i dè an seasamh a th' aca.

Bha Urras Oighreachd Ghabhsainn air taic a shealltainn gu poblach airson Sealg a' Ghuga anns na seachdainean mu dheireadh, mar a rinn Comhairle nan Eilean Siar is BP is BPA na sgìre.

Ann am brath ùr às dèidh dha na cosgaisean tighinn am bàrr, thuirt Urras Oighreachd Ghabhsainn gu bheil an t-sealg na pàirt chudromach de dhualchas na sgìre.

"Cha bu chòir a bhith a' maoidheadh air teaghlaichean a tha a' cumail an-àird' dualchas bheartach ionadail, mar a tha air tachairt anns na mìosan mu dheireadh," thuirt cathraiche an urrais Agnes Rennie.

Chaidh am pròiseas a thèid a leantainn gus co-dhùnadh a ruighinn a thaobh am bu chòir cead a thoirt seachad airson Sealg a' Ghuga am-bliadhna aontachadh aig coinneamh de bhòrd-stiùiridh NàdarAlba aig toiseach na mìos.

Tha dùil ri co-dhùnadh fhèin tràth san Lùnastal.