Naidheachdan 10:00m
Teine
Tha luchd-smàlaidh fhathast a' dèiligeadh ri teine a tha a' gabhail ann am pàirt de Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Thòisich an teine ann am Bealach Ruighe a' Bhothain ann an sgìre a' Ghlinne Mhòir an-dè sa mhadainn. B' fheudar daoine a ghluasad a-mach às an dachannan leis a' chunnart a bh' ann - agus bha daoine cuideachd air an toirt far beinn a' Chàirn Ghuirm fhèin, agus bho làraichean campachaidh san sgìre. Bha sia carbadan-smàlaidh ann tron oidhche, le ceithir dhiubh fhathast ann an-diugh sa mhadainn. Tha dragh ann gun toir an teine droch bhuaidh air fiadh-bheatha san sgìre, capaill-choille nam measg.
Argentina
Chaidh càineadh a dhèanamh air sgioba ball-coise Argentina an dèidh dhaibh bratach a thoirt air a' phàirce a-raoir an dèidh mar a rinn iad a' chùis 2-1 air Sasainn, ag ràdh "'s ann le Argentina a tha na h-Eileanan Fàclannach". Tha Sasainn a-niste a-mach à Cupa na Cruinne. Thuirt ministear a' chaibineit Peter Kyle gun robh na rinn iad gu tur mì-iomchaidh, agus gu bheil e an dùil gun dèan FIFA rannsachadh.
An Ucràin
Siubhlaidh Sir Keir Starmer dhan Ucràin an-diugh - fear de na rudan mu dheireadh a nì e mar Phrìomhaire. Ruigidh e Kyiv agus buaireadh a' dol ann an riaghaltas na h-Ucràin. Tha crathadh a thug an Ceann-Suidhe Zelensky air prìomhaire na dùthcha, agus ministear an dìon Mykhaylo Fedorov - a th' air leudachadh mòr a thoirt air ionnsaighean dròna an aghaidh na Ruis - a chur às an dreuchdan. Tha cuideachd leas-chomanndair feachd adhair na h-Ucràin, Pavlo Yelizarov, air a dhreuchd a chur bhuaithe 's e mì-thoilichte gun deach Mgr Fedorov a chur às a dhreuchd. Thuirt Mgr Yelizarov gu bheil an ceum "dona dhan Ucràin". Tha daoine a' togail fianais air feadh na dùthcha an aghaidh co-dhùnadh a' Chinn-Suidhe Zelensky.
Aig a' cheart àm dh'innis Mèar Kyiv, Vitaly Klitschko, gun deach dithis a mharbhadh agus sianar a leòn ann an ionnsaighean Ruiseannach air phrìomh bhaile tron oidhche.
Gàrradh MhicFhearghais
Cha do chuir Riaghaltas na h-Alba dìon air gàrradh shoithichean MhicFheaghais airson an ama ri teachd, a dh'aindeoin gheallaidhean a chaidh a thoirt ron taghadh. Sin a rèir aonadh ciùird an GMB, a th' air soillearachadh iarraidh sa bhad mu chùmhnantan airson ceithir soithichean ùra. Am measg a' cheithir sin tha bàtaichean-aiseig ùra dha Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh. Thuirt an riaghaltas gu bheil iad ag obair gu luath gus na cùmhnantan a chur ri chèile.