Gnothachasan sa Mhonadh Ruadh 'ann an èiginn' agus sgìre dhùinte ga lùghdachadh

Dealbh bhon adhar a' sealltainn ceò ag èirigh bhon teine-fhiadhaich air feadh sgìre fharsainnTùs an deilbh, STEVE KENYON ROBERTS/CLUBA GLAIDHDEADH TAOBH DHÈ
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh air gnothachasan sa Mhonadh Ruadh gum faodadh iad "a dhol à bith" ri linn buaidh ionmhasail an teine fhiadhaich a th' air a bhith a' gabhail 'son còrr is cola-deug san sgìre.

Tha na h-ùghdarrasan air innse gu bheil na bacaidhean a tha an-dràsta a' dùnadh an rathaid seachad air Loch Mòrlaich gu ruige ionad-sgithidh a' Chàirn Ghuirm gan gluasad air ais 3km Dihaoine bho Thaigh-òsta Drochaid na Cuingleum, 's an sgìre ga fosgladh a-rithist ceum air cheum.

Tha mu 70 smàladair fhathast an làthair a' dèiligeadh ri badan far a bheil an teine fhathast a' gabhail agus èibhleagan sa mhòine, an dèidh mar a rinn an teine sgrios air mu 10 mìle cheàrnagach de mhòinteach is de choilltean dùthchasach faisg air an Aghaidh Mhòir.

Tha rabhadh ann gun toir e grunn seachdainnean airson a chur às buileach.

Chaidh daoine a tha a' fuireach sa Ghleann Mhòr a thoirt às an dachannan airson grunn làithean, le casg air luchd-turais bho bhith a' dol a-steach do sgìre a bh' air a chomharrachadh leis na poilis.

'S e seo an treas seachdain a tha na gnothachasan san sgìre sin air a bhith dùinte, agus tha iarrtas air nochdadh airson maoin taice bho Riaghaltas na h-Alba airson an cumail a' dol.

"Tha 17 gnothachasan dùinte," thuirt àrd-stiùiriche Com-pàirteachas Gnothachais a' Mhonaidh Ruaidh, Craig Mills.

"Dhaibh-san a tha dùinte 's e rud mòr dha-rìribh a tha seo.

"'S ann mun àm seo den bhliadhna a nì gnothachasan turasachd an cuid airgid sa cheàrnaidh seo - airgead a chumas na gnothachasan aca a' dol an còrr den bhliadhna.

"'S e seo a-niste an treas seachdain a tha iad air a bhith dùinte, 's bheir sin buaidh mhòr uabhasach air an gnothachasan."

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Neil Gray, gu bheil an riaghaltas ag obair còmhla ri gnothachasan san sgìre airson fiosrachadh a thional mun bhuaidh a tha an suidheachadh a' toirt orra, feuch dè an taic a tha a dhìth.