Camara aig a' Chamanachd san Òban

Caoimhin Thain aig Ceann a' Ghiùthsaich agus Tormod 'Brick' MacArtair aig Baile Ùr an t-Slèibh a' farpais airson a' bhuill aig Mossfield ann an 1989Tùs an deilbh, Stòras Dhòmhnaill MacAoidh
Fo-thiotal an deilbh,

Caoimhin Thain aig Ceann a' Ghiùthsaich agus Tormod 'Brick' MacArtair aig Baile Ùr an t-Slèibh a' farpais airson a' bhuill aig Mossfield ann an 1989

  • Air fhoillseachadh

Tillidh nàimhdeas cho mòr is cho ainmeil 's a th' ann an iomain gu tè de na pàircean as cliùitiche san spòrs Disathairne is Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich gus farpais airson Cupa na Camanachd aig Mossfield san Òban.

Air thoiseach air a' gheama mhòr bidh cothrom eile cluinntinn barrachd mu stòras phrìseil de dhealbhan iomain.

Thog Dòmhnall MacAoidh na ceudan de dhealbhan iomain tro na 1970an is 1980an.

Ann am faclan Chomann na Camanachd fhèin, tha an stòras a dh'fhàg e "a' clàradh fàs na spòrs air is far na pàirce, a thuilleadh air beatha na coimhearsnachd, obair-ciùird, traidisean is sgilean spòrs".

Chaidh na dealbhan a chur ann an dreach didseatach aig Oilthigh Shruighlea mar phàirt de cho-bhanntachd eadar Comann na Camanachd is Camanachd na Cuimhne.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 6, Tormod 'Brick' MacArtair aig Baile Ùr an t-Slèibh is Daibhidh MacAnndrais aig Ceann a' Ghiùthsaich a' strì ri chèile aig Mossfield ann an 1984, Tormod 'Brick' MacArtair aig Baile Ùr an t-Slèibh is Daibhidh MacAnndrais aig Ceann a' Ghiùthsaich a' strì ri chèile aig a' chuairt dheireannaich aig Mossfield ann an 1984, geama a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 4-1

Bha Ùisdean MacIllinnein gu mòr an lùib na h-obrach sin is tha e fhèin is Dougie MacFhraing - sàr chluicheadair iomain à Baile a' Chaolais is sàr fhear-ealain - air a bhith ag òraid mu na dealbhan roimhe.

Chaidh dreach ùr a rinn Dougie de dhealbh ainmeil a thog Dòmhnall MacAoidh - Sùilean air a' Bhall - fhoillseachadh ann an Inbhir Nis nas tràithe am-bliadhna.

Bidh Ùisdean is Dougie a-nise ag òraid às ùr mu dhealbhan Dhòmhnaill anns an Òban oidhche Haoine.

Bidh fòcas sònraichte ann an turas seo air cuairtean deireannach Chupa na Camamachd agus air an Òban fhèin.

Dougie MacFhraing Is Iain MacCoinnich nan seasamh ri taobh an deilbh a rinn Dougie - Eyes on the Ball - anns a bheil Iain a' nochdadh.
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an obair iongantach a rinn Dougie MacFhraing stèidhichte air Eyes on the Ball fhoillseachadh nas tràithe am-bliadhna. Seo Dougie còmhla ri Iain MacCoinnich

"'S e stòras cho prìseil 's a th' ann air eachdraidh a' gheama aig àm a bha gu math inntinneach," thuirt Ùisdean.

"Rinn e rud gu math prìseil dhuinn is cha do thuig sinn gus an d' fhuair sinn ann an riochd didseatach e dè na bh' ann.

"Bidh sinn a' mìneachadh sin agus a' sealltainn tòrr de na dealbhan - is gu sònraichte tòrr den fheadhainn a thog e timcheall air an Òban agus cuairtean deireannach an sin."

Bidh an òraid ann an Tallaichean a' Chorrain san Òban aig 7f oidhche Haoine is tha e saor an-asgaidh a dhol ann.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte

Tuilleadh air an sgeulachd seo