Naidheachdan 10:00m
Cùram Màthaireil
Thuirt eòlaichean meadaigeach gu bheil beatha phàistean ga cur ann an cunnart le cho fadalach 's a tha atharrachaidhean a tha ag amas air cùram do mhàthraichean agus do phàistean ann an Alba a neartachadh. Tha faisg air deich bliadhna ann a-niste bho dh'innis an riaghaltas gun robh dùil na bh' ann de dh'ionadan do phàistean air an ùr-bhreith a ghearradh bho ochd sìos gu trì. Ach tha dotairean ag ràdh gu bheil dàil air sin a' cur beatha ann an cunnart. Aig a' cheart àm, tha athchuinge mu choinneimh Holyrood a tha ag amas cur às dha na planaichean. Thuirt Rùnaire na Slàinte Angela Constance ge-tà, gun tèid na planaichean air adhart, ged a thuirt i cuideachd nach robh dàil sna planaichean idir math gu leòr.
Còraichean Gaoithe
Feumaidh ministearan a bhith nas soilleire mu mar a thathas a' cleachdadh airgid a fhuair Riaghaltas na h-Alba bho reic chòraichean tuathan-gaoithe a stèidheachadh anns a' mhuir, a rèir Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba. Fhuair an riaghaltas còrr air £700m bho reic nan còraichean ann an 2023. Chaidh £100m dheth sin a chosg thuige seo. Ach tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil cinnt ciamar a chaidh a chosg a chùm gluasad gu ruige Net Zero, agus nach eil e soilleir ciamar a thathas an dùil an còrr a chosg. Thuirt Ministearan gu bheil an t-soillearachd ri fhaicinn ann am buidseatan bliadhnail, agus gu bheil iad fo ghealltanas stòras a chruthachadh a chùm maith ghinealaichean a tha ri teachd.
Comhairle na Gàidhealtachd
Thèid bhòt cion-earbsa a chumail an-diugh ann an còignear chomhairlichean air Comhairle na Gàidhealtachd. Seo an dèidh mar a thugadh cead tagsaidh a ruith do dh'fhear a bh' air a dhìteadh airson èigneachaidh. 'S iad an còignear bhall Sean Ceanadach a bha na chathraiche air Comataidh na Ceadachd, Chris Birt, John Grafton, Ruairidh Stiùbhart agus Donnchadh Mac a' Phearsain. Tha comhairliche eile a bhòt airson nan ceadan, Willie MacAoidh, air a dhreuchd a leigeil dheth mar-thà, agus bidh fo-thaghadh ann an Inbhir Ùige agus Gallaibh an Ear an ath-mhìos.
Ceann a' Ghiùthsaich
Agus thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil planaichean airson seann ospadal ann an Ceann a' Ghiùthsaich a dhèanamh na dhachaighean air prìs reusanta a' gluasad air adhart. Ghabh a' chomhairle sealbh air Ospadal an Naoimh Vincent an-uiridh. Tha iad a-niste air innse gu bheil iad air leudachadh a chaidh a chur ri cùl an togalaich a leagail airson piseach a thoirt air an làraich 'son leigeil leis an ath cheum a dhol air adhart. Tha dùil aca, thuirt iad, cur airson cead-dealbhachaidh san t-Samhain. Bidh 28 dachaigh ann, eadar flataichean agus taighean.