Chaidh le bhòt cion-earbsa ann an còignear chomhairlichean Gàidhealach

Soidhne purpaidh is geal air a bheil sgrìobhte The Highland Council, Comhairle na Gàidhealtachd, Prìomh Oifis, Headquarters
  • Air fhoillseachadh

Tha comhairlichean Gàidhealach air an taic a chur ri bhòt cion-earbsa an aghaidh chòignear bhall a leig le fear a rinn èigneachadh san tagsaidh aige na ceadan-tagsaidh aige a chumail.

Chaidh David Brown a chur dhan phrìosan airson faisg air seachd bliadhna sa Chèitean airson ionnsaigh fheiseil a thoirt air boireannach, 18, a bha a' faighinn còmhdhail san tagsaidh aige san Dùbhlachd 2023.

San Ògmhios dh'aontaich Comataidh Ceadachd Comhairle na Gàidhealtachd ri iarrtas na ceadan a dh'fheumar airson tagsaidh a ruith a chumail a' dol an ainm Brown ged a bha Poileas Alba air cur na aghaidh.

Bhòt na sianar chomhairlichean fireann airson an iarrtais, agus bhòt na ceathrar bhall boireann na aghaidh.

Dh'adhbharaich an co-dhùnadh connspaid mhòr agus leig Brown seachad na ceadan aige.

Bha bhòt cion-earbsa aig coinneimh den làn-chomhairle Diaordaoin an aghaidh chòignear de na buill a chuir taic ris an iarrtas ceadachd:

  • An Comh Sean Ceanadach, seann chathraiche na comataidh ceadachd

  • An Comh Chris Birt

  • An Comh John Grafton

  • An Comh Ruaraidh Stiùbhart

  • An Comh Donnchadh Mac a' Phearsain.

An dèidh deasbad a mhair dà uair a thìde chuir 56 comhairlichean taic ris a' ghluasad, le sianar a' bhòtadh na aghaidh agus còignear nach do bhòt idir.

Tha e a-nis an urra ri na comhairlichean cur romhpa a bheil iad airson fuireach nan dreuchdan neo an leigeil seachad.

Tha ceathrar de na buill a rinn an co-dhùnadh connspaideach air seasamh sìos bho chomataidh na ceadachd, agus tha fear dhiubh sin air a' chomhairle fhàgail gu tur.

Tha pàrtaidhean poiliteagach dithis de na comhairlichean air casg a chur orra rè ùine.

Aig coinneamh shònraichte aig toiseach an Lùnastail a chuireadh air dòigh mus do chuir Brown bhuaithe na ceadan-tagsaidh aige, thuirt neach-gairm na comhairle, Bill Lobban, gun robh an co-dhùnadh dhan tàinig a' mhòr-chuid air a' chomataidh "maslach".

Tha ball eile a thug taic cuideachd dhan cho-chùnadh, Willie MacAoidh, mar-thà air an obair aige mar chomhairliche a leigeil dheth.

Bidh fo-thaghadh air a chumail ann an uàrd Inbhir Ùige agus Gallaibh an Ear air an ath-mhìos.

Air oidhche na h-ionnsaigh san Dùbhlachd 2023, bha Brown a' toirt a' bhoireannaich dhachaigh air an oidhche bho Inbhir Nis gu a dachaigh ann am baile air a' Ghàidhealtachd.

Seach sin a dhèanamh, chaidh e seachad air an taigh aice mus do stad e aig oir an rathaid eadar Srath Pheofhair agus Inbhir Pheofharain far an do dh'èignich e i.

Dh'fhàg e i às dèidh sin ann an Inbhir Pheofharain ann an sìde reòta.

Tha dùil gun dèan Brown ath-thagradh an aghaidh a' dhìtidh agus na binne aige.