Iar-Mhorair-Ionaid a' Chrùin na "urram mòr" do dh'Alasdair MacEachainn

- Air fhoillseachadh
Chaidh Alasdair MacEachainn ainmeachadh mar Iar-Mhorair-Ionaid a' Chrùin anns na h-Eileanan Siar.
Tha Morair-Ionaid a' Chrùin anns gach sgìre ùghdarrais ionadail, air an ainmeachadh leis an Rìgh airson a riochdachadh gu h-ionadail, agus 's e Iain MacAmhlaigh a tha san dreuchd sin sna h-Eileanan Siar.
Tha Mgr MacEachainn air a bhith air fear de na Leas-Mhorairean-Ionaid anns an sgìre bho 2016, agus e a-niste gu bhith os cionn nan Leas-Mhorairean-Ionaid.
Tha e a' gabhail thairis na dreuchd an dèidh do Bhetty McAtear OBE a cur bhuaipe i ann an 2024.
"Tha mi air mo dhòigh an dreuchd seo a bhuileachadh air Alasdair," thuirt Iain MacAmhlaigh.
"Tha eòlas farsainn aige air a h-uile pàirt de sheirbheis na coimhearsnachd agus bidh sin na thaic dhomhsa ann an obair Moraireachd-Ionaid a' Chrùin anns na h-Eileanan Siar."
26 bliadhna na Riochdaire a' Chrùin sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh8 An t-Samhain 2024
Leas-mhorairean-ionaid a' Chrùin ùra sna h-Eileanan an Iar
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2024
Buinidh Mgr MacEachainn do Bheinn na Faoghla, far a bheil e na chroitear, agus cuideachd na chathraiche air Urras Leabhraichean nan Eilean agus na cheann-suidhe air Cluba Hiort.
Leig e dheth a dhreuchd ann an 2023 an dèidh 47 bliadhna le Comhairle nan Eilean Siar, far an robh e ag obair ann an Slàinte Àrainneachdail.
Bha e cuideachd na Leas-Oifigear-Taghaidh dha na h-Eileanan Siar, agus na chathraiche air Buidheann Planaidh Èiginn is Seasmhachd Uibhist is Bharraigh.
Rinneadh Co-bhall dheth ann an Institiut Rìoghail Slàinte Àrainneachdail na h-Alba ann an 2013 air sgàth a chuid seirbheis dhan obair sin.
Bidh e a' bruidhinn tric air seirbheisean Gàidhlig a' BhBC mu chuid de na gnothaichean anns a bheil e an sàs.
"'S e urram mòr a th' ann dhomh a bhith air m' ainmeachadh mar Iar-Mhorair-Ionaid a' Chrùin agus tha mi a' dèanamh fiughair mhòir ri bhith a' toirt taic don Mhorair-Ionaid agus na Leas-Mhorairean-Ionaid an lùib obair Moraireachd-Ionaid a' Chrùin anns na h-Eileanan Siar," thuirt Mgr MacEachainn.