Siathamh comhairliche air comataidh ceadachd fhàgail

- Air fhoillseachadh
Tha am ball mu dheireadh de chomataidh ceadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd a bhòt an aghaidh cead tacsaidh a thoirt bho èigniche air a' chomataidh fhàgail.
Bha an Comh Chris Birt air fear de shianar fhireannach air a' chomataidh a bhòt gun cead a thoirt bho Dhàibhidh Brown tacsaidh a ruith an dèidh a dhìteadh airson boireannach òg èigneachadh.
Bhòt an ceathrar bhall boireann air Comataidh na Ceadachd airson cead a thoirt bhuaithe.
Chaidh binn prìosain air Brown sa Chèitean.
Bha an còignear fhireannach eile - Donnchadh Mac a' Phearsain, Iain Grafton, Sean Ceanadach, Ruairidh Stiùbhart agus Uilleam MacAoidh - air seasamh sìos bhon chomataidh roimhe, le Mgr MacAoidh air a' chomhairle fhàgail cuideachd.
Chaidh bhòt cion-earbsa an aghaidh an t-sianair san t-Sultain.
Moladh comhairlichean a chasg bho obair comataidh an dèidh bhòt cion-earbsa
- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair
Bhòt cion-earbsa an comhairlichean a leig le èigniche ceadan-tagsaidh a chumail
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain
Bha Mgr Birt roimhe na bhall den SNP air a' chomhairle, ach chaidh a chur às a' phàrtaidh ri linn 's mar a bhòt e air a' chomataidh cheadachd, ach bha e air diùltadh a' chomataidh fhàgail thuige seo.
Tha e cuideachd a-niste air comataidh ceadachd eile fhàgail.
Tha dùil gun tèid gluasad a dheasbad fhathast a dh'fhaodadh e fhèin agus comhairlichean Mac a' Phearsain, Grafton, Ceanadach agus Stiùbhart a chur far a' mhòr-chuid de chomataidhean eile sa chomhairle - ach a-mhàin comataidhean sgìreil no comataidhean far a bheil cothromachadh poilitigeach a dhìth a rèir riaghailtean.
Chaidh beachd iarraidh air a' Chomh Birt.