£500,000 do ghnothachasan air an tug Teine a' Mhonaidh Ruaidh buaidh

An t-uabhas ceòthaidh ag èirigh os cionn na monaidhean.Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Mhair teine fiadhaich ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh cha mhòr còig seachdainean

  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach còrr is £500,000 a thoirt seachad do ghnothachasan air an tug teine fiadhaich a' Mhonaidh Ruaidh as t-samhradh buaidh.

San Lùnastal, dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba maoin fiach £3m airson taic a chumail ri gnothachasan a chaill còrr is 20% den teachd a-steach aca ri linn an teine.

Tha e an urra ris an ùghdarras ionadail an t-airgead a thoirt seachad.

Gu ruige seo, chaidh 27 iarrtas a dhèanamh agus tha 14 grant air a bhith air an toirt do ghnothachasan.

Thòisich teine fiadhaich ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air an 15mh den Iuchar agus mhair e faisg air còig seachdainean.

Loisg e timcheall air 10 mìle cheàrnagach de mhòintich agus coilltean faisg air an Aghaidh Mhòir bho Dhiciadain an 15mh den Iuchar.

Thàinig air cuid de dhaoine an dachaighean fhàgail agus aig aon àm, bha còrr is 500 neach-smàlaidh an lùib na h-iomairt gus smachd fhaighinn air an teine.

Dh'fheumadh cuid de ghnothachasan dùnadh ri linn adhbharan sàbhailteachd co-cheangailte ris an iomairt smachd fhaighinn air an teine.

Duine le seacaid orains air agus còmhdach air a bheul. Tha e a' bùrn air monadh a tha na theine.Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Bha iomadach neach an lùib na h-iomairt airson smachd fhaighinn air an teine

Tha Làrach-campachaidh a' Ghlinne Mhòir am measg an fheadhainn a th' air buannachd fhaighinn às a' mhaoin.

Thuirt Stiùiriche Ionmhais agus Obrachaidhean na companaidh, Brian Fulton, gu bheil an t-airgead seo air a bhith na chuideachadh mòr dhaibh aig àm gu math dùbhlanach.

Thuirt e: "Cuidichidh a' mhaoin seo sinn ann a bhith a' pàigheadh nan cunntasan cumhachd tro mhìosan a' gheamhraidh agus thèid againn air piseach a thoirt air an làraich a bhios na bhuannachd do luchd-cleachdaidh."

A rèir Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Bill Loban, tha gnothachasan san sgìre air sealltainn gum fulaing iad an t-uamhas sna seachdainean bho thòisich an teine.

Thuirt e: "Tha mi an dòchas gun cùm an còrr dhan mhaoin taic ri oidhirpean gus faighinn seachad air na thachair.

"Tha mi an dòchas gum bi iomairt airson turasachd a bhrosnachadh mar phàirt dhan seo gus an till luchd-turais dhan sgìre 's gun èirich an àireamh dhaoine a thadhlas air Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh tro mhìosan an fhoghair agus an ath-bhliadhna."

Chaidh an ceann-là airson iarrtasan a leudachadh chun an 27mh den t-Samhain.

Aig coinneamh Diardaoin, dh'aontaich buill Comhairle na Gàidhealtachd gun iarradh iad ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air an teine.