Seann nàimhdean Bhàideanach gus farpais às ùr 'son Chupa na Camanachd

- Air fhoillseachadh
"The enminty between the Kingussie and Newtonmore regions over the matter was deadly".
'S e beachd a tha sin a nochd cho fada air ais ri 1897 - ann am bliadhnaichean fìor thràth Chupa na Camanachd - air a' chàirdeas car doirbh eadar fuamhairean iomain Bhàideanach.
"Lean gu dlùth ri cliù do shinnsir", tha an sean-fhacal ag ràdh, agus abair thusa gu bheil cluicheadairean iomain Bhàideanach air sin a dhèanamh is glè bheag air atharrachadh sa chàirdeas eatorra bho dheireadh an 19mh Linn.
Thèid iad ann an ugannan a chèile às ùr san Òban Disathairne is an dà sgioba as fheàrr ann an Alba gus farpais uair eile airson na duaise as motha san spòrs.
Às dèidh beagan bhliadhnaichean nuair a bha làmh an uachdair gu follaiseach aig Ceann a' Ghiùthsaich, chaidh sradag às ùr dhan ghnothach an-uiridh nuair a rinn am Baile Ùr an gnothach orra sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd aig Pàirc a' Bhucht.
Nuair a chaidh nàimhdean nimheil Bhàideanach còmhla
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2025
Ged a chrìochnaich an geama 3-2 air a' cheann thall, 's e fìrinn na cùise gun robh am Baile Ùr pìos na b' fheàrr air an là.
Bhon uairsin tha an dà sgioba air leum air thoiseach air a' chòrr ann an saoghal na h-iomain is iad dìreach air aona gheama a chall eatorra fad an t-seusain gu sgioba bho thaobh a-muigh Bhàideanach.
'S e Camanachd an Òbain a fhuair an t-urram sin le buaidh 2-1 air Ceann a' Ghiùthsaich ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh.
Ach ged a leig iad às Cupa MhicAmhlaigh, bha Ceann a' Ghiùthsaich roimhe air Baile Ùr an t-Slèibh a chur a-mach às an fharpais sin 4-1.
Thàinig sin seachdain às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air a' Bhaile Ùr 2-0 ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais.

Tha Ruairidh MacAnndrais ag ràdh gum biodh e sònraichte do Cheann a' Ghiùthsaich Cupa na Camanachd a thoirt air ais bho Bhaile Ùr an t-Slèibh
Bha an dà bhuaidh sin glè chudromach dhaibh às dèidh dhan Bhaile Ùr Cupa na Camanachd a bhuannachadh an-uiridh, is an uairsin seusan 2026 a thòiseachadh le buaidh 1-0 sa gheama lìge eadar na sgiobaidhean.
Ach ged a bhios sin co-dhiù nam fàbhar, tha trioblaidean mòra air a bhith aig Ceann a' Ghiùthsaich thairis air an t-samhradh le grunnan chluicheadairean a dhìth orra.
"Thòisich sinn an seusan an ìre mhath làidir ach bhon uairsin tha tòrr air a bhith air an goirteachadh is tha e doirbh a chreidsinn, cha b' urrainn dhut a sgrìobhadh," thuirt sgiobair Chinn a' Ghiùthsaich, Ruairidh MacAnndrais, ri BBC Spòrs.
Thathar a' tuigsinn ge-tà, gu bheil piseach air tighinn air an t-suidheachadh - rud a tha buailteach tachairt air thoiseach air geama mòr co-dhiù - is gum bi gu leòr de na seòid air ais airson na cuairte deireannaich san Òban.
"Fìor oidhirp sgioba" a bhuannaich Cupa MhicAmhlaigh dhan Òban
- Air fhoillseachadh24 An Lùnastal
Cupa MhicThàmhais le Ceann a' Ghiùthsaich
- Air fhoillseachadh13 An t-Ògmhios
Is tha iad a' dol gu Pàirc Mossfield a' sireadh dìoghaltais.
"'S e an là as motha ann am bliadhna na h-iomain agus 's e am fear a tha a h-uile duine ag iarraidh," thuirt Ruairidh.
"Bha briseadh-dùil againn an-uiridh is cha robh sinn airson smaointinn air cus - bha sinn dìreach airson glusad air adhart.
"A bhith ga thilleadh (Cupa na Camanachd) dhan bhaile agus a bhith ga thoirt a-mach à làmhan nan seann nàimhdean againn, 's e dòigh air leth a bhiodh ann an seusan a thoirt gu ceann."

Tha Iain Robinson ag ràdh gu bheil cluicheadairean Bhaile Ùr an t-Slèibh mothachail air cho cudromach 's a tha e do mhuinntir an àite gun cùm iad grèim air Cupa na Camanachd
Sìos an rathad sa Bhaile Ùr tha an sgiobair acasan, Iain Robinson, den bheachd gu bheil an dà sgioba ri chèile air a dhol suas ìre bho an-uiridh.
Tha e ag ràdh gu bheil am Baile Ùr gu mòr airson grèim a chumail air a' chupa is gu bheil iad glè mhothachail cuideachd air an togail mhòr a fhuair na Slèibhtich san fharsaingeachd an-uiridh nuair a fhuair an cluba an làmhan air an duais.
"Na daoine ann am Baile Ùr an t-Slèibh, tha Cupa na Camanachd cho, cho cudromach dhan bhaile," thuirt Iain.
"Sin teaghlaichean agus daoine a tha a' tighinn chun nan geamaichean a h-uile seachdain - 's e Cupa na Camanachd a tha a h-uile duine ag iarraidh a bhith a' faicinn a' tighinn dhan bhaile.
"Tha feum aig na cluicheadairean againn a bhith a' smaointinn air sin is tha obair againn airson sin a dhèanamh airson nan daoine."
Camara aig a' Chamanachd san Òban
- Air fhoillseachadhBho chionn 23 uair
Structar na h-iomain ga dheasbad le rabhadh gu bheil an spòrs ann an cunnart
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Tòisichidh an geama mòr aig Pàirc Mossfield aig 2:10f.
Bidh gach buille an seo fhèin air làrach BBC Naidheachdan bho 12:50f.
Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 1:00f.
Agus chithear a' chuairt dheireannach beò air BBC ALBA is air iPlayer a' BhBC cuideachd is cùisean a' tòiseachadh an sin aig 2f.