Goireasan ùra fosgailte aig Ionad an Stòir

Ionad an Stòir
Fo-thiotal an deilbh,

Thadhail còrr is 300,000 duine air an ionad an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh an dàrna earrann de leasachadh aig Ionad an Stòir san Eilean Sgitheanach fhosgladh gu h-oifigeil.

Tha a-niste àite ioma-chleachdaidh ri fhaotainn a ghabhas cleachdadh airson thachartasan coimhearsnachd agus bhainnsean. Gabhaidh an t-àite sin suas ri 40 duine, agus tha cead ann deoch-làidir a reic.

Chaidh cuideachd a' bhùth a leudachadh agus barrachd stuthan a rinneadh le còrr air 25 companaidh ionadail gan reic innte.

Chaidh Ionad an Stòir, a th' air a ruith le Comhairle na Gàidhealtachd, fhosgladh ann an 2024, agus chuir e fàilte air còrr air 300,000 de luchd-tadhail an-uiridh, le seachdnar a' faighinn cosnadh ann, agus prothaid £450,000 ga dhèanamh dhan Chomhairle.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd roimhe gun deach mu £300,000 den phrothaid sin a chosg air càradh rathaidean san Eilean Sgitheanach.

Tha cuid ann an Tròndairnis air a bhith a' gearain ge-tà, air a' bhuaidh a bheir na tha de dhaoine a' tadhal air an Stòr a' toirt air rathad na sgìre, 's maill mhòr ga h-adhbhrachadh dha daoine a' falbh eadar Stafainn 's Port Rìgh.

Fhuair an dàrna earrann den phròiseact maoineachadh £550,000 bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte

"Tha e cho math fhaicinn gu bheil an dàrna earrann aig Ionad an Stòir a-niste fosgailte," thuirt Cathraiche Comataidh an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair, an Comh Iain MacFhionnlaigh.

"Tha an làrach ainmeil air feadh an t-saoghail 's tha e a' cur taic ri cosnaidhean, turasachd sheasmhach, agus a' leasachadh na dh'fhiosraicheas luchd-tadhail aig tè de na làraichean as motha san eilean a tha a' tàladh dhaoine.

"Tha am pròiseact air soirbheachadh gu mòr, le teachd-a-steach a' cur taic ri bun-structar cudromach agus seirbheisean ionadail."