Ionad an Stòir:"cothroman cosnaidh agus teachd a-steach"

- Air fhoillseachadh
Chaidh Ionad an Stòir san Eilean Sgitheanach fhosgladh gu h-oifigeil Dimàirt le teachdaireachd mu na buannachdan eaconomach a tha dùil a thig às.
'S e Cathraiche Comataidh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair, an Comhairliche Iain Fionnlasdan, a dh'fhosgail an goireas ùr.
"Tha cothroman fìor mhath ann gun tèid obraichean a chruthachadh ann agus gum faigh muinntir an àite teachd a-steach às," thuirt e.
"Bidh e cuideachd cudromach a thaobh seasmhachd na làraich ainmeile seo.
"Bu mhath leam taing a thoirt do mhuinntir an Eilein Sgitheanaich airson mar a rinn iad cinnteach gun robh dualchas Gàidhlig an eilein air fhighe a-steach dhan a h-uile pàirt de phròiseact leasachaidh na làraich."

An Comh. Iain Fionnlasdan agus Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, An Comh. Reamonn Bremner
Anns a' ghoireas ùr tha bùth far an reicear stuth a rinn companaidhean ionadail, rùm far an gabhadh cuirmean, bainnsean, taisbeanaidhean agus tachartasan eile cumail.
Chaidh ceuman-coiseachd a leasachadh cuideachd airson an àrainneachd a dhìon bho na h-uimhir de dhaoine a bhios a' sreap suas gu Bodach an Stòir.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' tomhas gum faodadh gum bi mu 300,000 duine air a dhol ann am-bliadhna.
Chaidh Duais Taghadh an Luchd-Siubhail a bhuileachadh air an làraich le TripAdvisor.