Naidheachdan 11:00m
Dealan nas saoire
Tha sgirean ann an Leòdhas, san Eilean Sgitheanach agus air tìr-mòr na Gàidhealtachd am measg na gheibh dealan nas saoire. Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dè na coimhearsnachdan sam faigh dachannan £2,500 far nan cunntasan thairis air 10 bliadhna oir bidh iad nas lugha na 500 meatair bho sgeamaichean paidhleoin. Tha mu dhà thrìan de na pròiseactan sin ann an Alba, ach tha luchd-iomairt ag ràdh nach eil dealan nas saoire gu leòr mu choinneimh buaidh air na sgìrean sin.
GERs
Chan eil an easbhaidh eadar cosgaisean agus cìs air Riaghaltas na h-Alba buileach cho mòr a rèir fhigearan bliadhnail GERs a chaidh fhoillseachadh an-diugh. Bha an easbhaidh airson 2025/26 sìos gu £25.3bn bho £26.1bn an-uiridh.
Saoradh tràth
Chuir 50 àrd-chonastabal agus ceannard poilis litir fhosgailte dhan Phrìomhaire ag iarraidh gealltanais mun sgeama fom bi saorsa thràth ann do phrìosanaich ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Tha sin a dh'aindeoin 's gun tuirt Andy Burnham gu bheil e gu math cinnteach nach bi àite san sgeama do dhithis den triùir a mharbh an Conastabal Andrew Harper.
Cobra
Bidh am Prìomhaire os cionn na comataidh èiginn Cobra an-diugh a bhios a' deasbad teas, tart agus na teintean mòra a th' air a bhith ann bho chionn ghoirid. Thuirt Sràid Downing gur e samhradh dùbhlanach a th' ann do mhòran, gu h-àraid do luchd-smàlaidh, tuathanaich agus seirbheisean slàinte.
Galar na Teangaidh Guirme
Chaidh iarraidh air tuathanaich an Alba dìon a chur air sprèidh le banachdach airson a' ghalair Blue Tonge an dèidh dhan chiad chùis dheth an Alba air tuathanas ann an Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh. Ach tha Aonadh nan Tuathanach ag ràdh gu bheil a' bhanachdach gann agus daor.