Clann-sgoile Gàidhlig a' moladh Baile Mòr nan Gàidheal ann an òran ùr

Clann-sgoile bho Bhun-sgoil Bhaile Ghobhainn a' seinn ann an còisir. Tùs an deilbh, AN COMUNN GÀIDHEALACH
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dreach Gàidhlig a chur air òran molaidh Ghlaschu air thòiseach air A' Mhòd Nàiseanta Rìoghail a' tilleadh dhan bhaile as t-fhoghar.

Thug Ar n-Òran do Ghlaschu guthan Norrie Tago MacÌomhair agus Còisir Sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu, anns a bheil sgoilearan bho na ceithir bun-sgoiltean Gàidhlig sa bhaile, còmhla.

'S i an neach-ciùil agus craoladair, Màiri Anna NicUalraig, a rinn eadar-theangachadh dhen òran a sgrìobh Jamie Caimbeul bhon chòmhlan-chiùil Dignity Row à Glaschu.

Thuirt Màiri Anna NicUalraig, a rugadh am Baile Mòr nan Gàidheal: "'S e urram a th' ann a bhith a' dèanamh eadar-theangachaidh air obair neach eile, ach is e tlachd a tha ann a bharrachd, oir tha an gràdh ceudna aig Jamie dhan bhaile 's a tha agam fhèin."

Fo-thiotal,

Gabhaidh an t-òran a luchdachadh a-nuas bhon 13mh den Lùnastal.

Rinn an dreach Beurla de Ar n-Òran. do Ghlaschu a' chùis ann am farpais le Go Radio a bha a' sireadh òran a ghlacadh cho beòthail agus a tha am baile, agus tha an carthannas air a bhith ga chleachdadh sna h-iomairtean margaidheachd.

Thuirt Jamie Campbell: "Tha Ar n-Òran do Ghlaschu ag amas air beatha Ghlaschu a shamhlachadh, far a bheil daoine treun, càirdeil is fosgailte ag innse sgeul am beatha.

"Dh'fheuch mi ri òran a sgrìobhadh bho mo chridhe gus faireachdainnean a ghlacadh ann an dòigh a tha doirbh ann an còmhraidhean làitheil.

"Tha na faclan a' sealltainn mo ghaoil do Ghlaschu agus ris na daoine a tha gam cheangal ri mo dhachaigh. Chan eil thu uair sam bith nad aonar an Glaschu!"

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 5, Màiri Anna NicUalraig. Boireannach le falt fada dorcha, sùilean dorcha, lèine uaine agus usgar-bràghad, Thuirt an ceòladair is craoladair, Màiri Anna NicUalraig, a rugadh an Glaschu, gur e "urram" dhi tionndadh Gàidhlig a dhèanamh den òran

Tha guthan sgoilearan bho Bhun-sgoil Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu and Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn rin cluinntinn air a' chlàradh.

A' cluich còmhla riutha tha buill Dignity Row - Jamie Caimbeul, Dario Palazzo, Julian Pombo agus Gaven Paterson.

Gabhaidh Ar n-Òran do Ghlaschu luchdachadh a-nuas bho Dhiardaoin an 13mh den Lùnastal.

Cluinnidh am poball an t-òran ùr Gàidhlig airson a' chiad uair nuair a nochdas Màiri Anna NicUalraig aig consairt Dignity Row aig a' Bhungalow Diardaoin.

Bidh e an uairsin mar phàirt den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhios ann an Glaschu eadar an 9mh agus an 17mh den Dàmhair.