Rugadh na ciad chuileanan bìobhair air a' Ghàidhealtachd ann an 400 bliadhna

Chaidh am bìobhair a shealg a-mach à bith an Alba o chionn 400 bliadhna
- Air fhoillseachadh
Rugadh na ciad chuileanan bìobhair ann an Gleann Afraig 400 bliadhna on chaidh cur às do na beathaichean an Alba.
Tha seo agus pròiseact a' leantainn gus a' ghnè a thilleadh do sgìrean far an robh iad uair eadar an carthannas Trees for Life agus a' bhuidheann riaghaltais Fearann agus Coillteareachd na h-Alba (FLS).
Chaidh teaghlach de chòig bìobhairean, agus pàidhir briodaidh eile, a leigeil mu sgaoil aig dà làraich anns a' ghleann, a tha na Thèarmann Nàdair Nàiseanta, anns an Dàmhair an-uiridh, 's an uair sin teaghlach eile de cheithir bìobhairean sa Ghearran.
Cuilean bìobhair a' cluich le a mhàthair
Tha dùil gu bheil co-dhiù dà chuilean ann an Loch Beinn a' Mheadhain agus gu bheil iad le chèile fallain agus a' dèanamh gu math.
Thathas a' tomhas gun do rugadh na cuileannan sa Chèitean no san Ògmhios, 's gun tàinig iad a-mach à loidse am pàrantan airson a' chiad uair sna seachdainnean mu dheireadh.
"Bha sinn dìreach cho toilichte. Tha sinn gu math air bhioran," thuirt Franny Schlicke, aig Trees for Life.
"Seo na ciad bhìobhairean òga air am breith ann an 400 bliadhna ann an Gleann Afraig."
Tha Trees for Life a-niste a' coimhead ri làraichean faisg air Loch Nis far an gabhadh bìobhairean leigeil mu sgaoil.

Tha dùil gun do rugadh na cuileannan anns a' Chèitean no san Ògmhios
Ged a bha cruth na tìre às aonais bhìobhairean airson 400 bliadhna an dèidh mar a chaidh an sealg a-mach à bith, tha na creutairean nam pàirt cudromach de chruth-tìre nàdarra.
Nì iad ath-chumadh air sruthan uisge, a' cruthachadh ghlumagan domhain agus a' slaodachadh an t-srutha, a thuilleadh air a bhith a' cruthachadh bhoglaichean air oir an uisge.
Ithidh iad taobh a-staigh rùisg chraobhan, a' leagail chraobhan faisg air uisge airson an rùsg fheannadh.
Bidh sin, agus mar a thèid talamh-àitich fo thuil ri linn na bhios iad a' dèanamh, na adhbhar connspaid ann an corra-shuidheachadh far a bheil na beathaichean a' tighinn beò faisg air dachannan dhaoine.

Chaidh bìobhairean à Srath Thatha a' leigeil mu sgaoil ann an Gleann Afraig le cead NàdarAlba
"Tha na cuileannan seo a' samhlachadh soirbheachais an dèidh 400 bliadhna, agus mar a shlànaicheas nàdar ma bheir sin dha cothrom," thuirt Oifigear Manaidsearachd Bhìobhairean aig Trees for Life, Tobias Leask.
"Cha dhìochuimhnich mi gu bràth a bhith gam faicinn 'son a' chiad uair. B' e fear de na h-amannan ainneamh sin far a bheil thu mothachail gu bheil thu a' faicinn eachdraidh a' tachairt air do bheulaibh.
"'S iad seo a' chiad ghinealach de bhìobhairean a chumas Gleann Afraig san àm ri teachd, a' cruthachadh fhèithean a chumas taic ri mòran ainmhidhean eile, a' leasachadh càilleachd an uisge, agus a' neartachadh ar seasmhachd mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde. 'S e clach mhìle mhìorbhaileach a th' ann dhan a h-uile duine a tha an sàs sa phròiseact."
Chaidh na 11 bìobhairean a ghluasad gu Gleann Afraig le cead bho NàdarAlba far talamh-àitich ann an Srath Thatha.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios

- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal 2025
