Call do ghuth: "Chan eil mi a' faireachdainn mar neach-labhairt na Gàidhlig tuilleadh"

Boireannach le falt curlach ruadh agus speuclairean oirre.
Fo-thiotal an deilbh,

Chaill Raonaid Kello a guth san t-Samhain an-uiridh

LeAnnabel Nic'Illinnein
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Bidh gu leòr a' call an guth às dèidh oidhche mhòir ach dè nam falbhadh e gu tur?

Sin a thachair do Raonaid Kellow san t-Samhain an-uirigh ri linn muscle tension dysphonia, a dh'fhàg na fèithean timcheall air bràgh an sgòrnain garbh teann.

Bha seo a' ciallachadh gun robh fuaimreagan uabhasach duilich dhi.

Leis gu bheil a' Ghàidhlig cho stèidhichte air fuaimreagan, bha e cha mhòr do-dhèanta dhi a bruidhinn.

Mu ochd mìosan an dèidh dha a guth falbh, choinnich mi rithe na dachaigh agus bha e follaiseach gun robh cùisean fhathast duilich dhi.

Bha a guth a' briseadh tric, gu h-àraid mu thimcheall fhuaimreagan agus bha aice ri dhol dhan Bheurla grunn thursan leis gu bheil sin nas fhasa dhi.

Tidsear na seasamh air beulaibh clas.
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Raonaid far a cuid obrach mar thidsear Gàidhlig fad sia mìosan

Tha dìth guth air a beatha agus a pearsa atharrachadh gu tur.

"Chaill mi mo Ghàidhlig airson sia mìosan agus tha e dìreach air tilleadh air ais," thuirt i.

"Chan urrainn dhomh a dhol a-mach ach chan eil mi ag iarraidh a dhol a-mach.

"Oir ma bhios tòrr dhaoine a' bruidhinn agus mise a' feuchainn ri faighinn a-steach dhan chòmhradh - cha chluinn iad mi agus an uairsin chan eil thu a' faireachdainn mar gu bheil thu mar phàirt den bhuidhinn."

Chan eil cùisean air a bhith furasta aig an taigh a bharrachd agus banais air fàire san Lùnastal.

"Tha an t-eagal orm nach urrainn dhomh na bòidean agam a leughadh no fiù 's ainm an duine agam a ràdh," thuirt i.

'S e suidheachadh aonranach a th' ann, 's Raonaid den bheachd nach eil tuigse aig daoine air a' bhuaidh a tha seo a' toirt oirre.

Gun chomas labhairt chan eil agad ach do smuaintean agus a rèir Raonaid, glè thric "chan e deagh bheachdan a bhios a' tighinn a-steach ort".

Fo-thiotal,

Call do ghuth... call do phearsa?

A thuilleadh air a beatha phearsanta, tha dìth guth air a beatha phroifeiseanta a chur bun-os-cionn.

'S e tidsear Gàidhlig a th' innte agus nuair a dh'fhalbh a guth an toiseach, dh'fhuirich i san sgoil airson mìos bhon a bha fo-dheuchainnean gu bhith aig na sgoilearan aice.

"Tha cuimhne agam a bhith san sgoil agus mi a' cagairt ris na sgoilearan agus a' teagasg leasanan seach nach robh mi ag iarraidh a dhol dheth.

"Ach cuideachd, chaidh mi air ais nas luaithe air sgàth 's na sgoilearan.

Bha i far a h-obrach fad sia mìosan uile gu lèir 's mun àm a thill i, bha i air a misneachd a thaobh a bhith a' bruidhinn na Gàidhlig a chall.

Boireannach le falt curlach ruadh agus speuclairean a' coimhead a-mach air an uinneig
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Raonaid a' pòsadh a dh'aithghearr agus tha uallach oirre nach tèid aice air na bòidean aice a ràdh

"A' tòiseachadh a-rithist"

An-diugh, tha Raonaid air adhartas a dhèanamh às dèidh mhìosan de theiripe cainnte phrìobhaideach.

Ach tha slighe fhathast roimhpe agus chan eil fhios aice an slànaich a guth a-chaoidh.

Tha i an dòchas gun tig tuilleadh pisich ach tha i nearbhasach mu bhith a' tilleadh dhan sgoil às dèidh saor-làithean an t-samhraidh agus mì-chinnteach mun àm ri teachd.

"Chan eil mi a' faireachdainn mar neach-labhairt na Gàidhlig a-nis," thuirt i.

"Tha mi a' faireachdainn mar gu bheil mi a' tòiseachadh a-rithist.

"Chan eil mi ag iarraidh a dhol gu tachartasan far a bheil Gàidhlig oir tha eagal orm nach tèid agam air cumail sa Ghàidhlig 's gun tèid mi dhan Bheurla.

"Chan eil daoine ga mo thuigsinn bhon a tha mi a' call mo ghuth."

Mura slànaich a guth, tha ceist mhòr mu a coinneimh a thaobh a cuid obrach.

'S e tidsear Gàidhlig an aon dreuchd a th' air a bhith aice agus chan eil fhios aice dè dhèanadh i mura b' e sin.

"Ma dh'fhalbhas mo ghuth tric an ath-bhliadhna, bidh agam ri smaoineachadh air rudeigin eile.

"Ach dè an obair Ghàidhlig as urrainn dhut a dhèanamh gun a bhith a' bruidhinn na Gàidhlig?

"Chan eil fear ann."