Cead do sgeama taigheadais am Barabhas ged a chuir croitearan na aghaidh

Tha Urras Ghabhsainn airson ochd taighean a thogail agus feumaidh co-dhiù dhà dhiubh a bhith ri fhaotainn aig prìs reusanta
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gun tèid pròiseact airson ochd taighean ùra am Barabhas air taobh siar Leòdhais air adhart ged a bha croitearan le dragh mun sgeama.
Thug bòrd-dealbhachaidh an ùghdarrais ionadail cead seachad do phlana Urras Oighreachd Ghabhsainn air an 24mh den Ògmhios ach le dàil 21 là leis nach robh iad air innse do dh'uachdaran pobach na talmhainn far am biodh rathad is slighe-choiseachd.
'S ann le Urras Oighreachd Bharbhais a tha Barabhas Iarach agus tha Barabhas Uarach fo shealbh Urras Ghabhsainn a tha cuideachd na uachdaran poblach.
Dhearbh Urras Ghabhsainn gun do chuir iad fios gu Urras Bharabhais air an 25mh den Ògmhios.
Cead do champa luchd-obrach an Steòrnabhagh 's do thaighean am Barabhas
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios
Fhuair luchd-dealbhachaidh litir air an 7mh den Iuchar bho Chomataidh Ionaltraidh Bharbhais Iaraich agus Pàirc Bharabhais agus iadsan ag ràdh nach tug iad cead talamh ionaltraidh a chleachdhadh airson rathad ùr dhan sgeama.
Nochd iad cuideachd draghan mu cho freagarrach 's a bhiodh an t-slighe-choiseachd a thathar a' moladh, mar a rachadh dèiligeadh ri drèanaichean agus na bha de chùram-chloinne sa sgìre do phàistean eadar aois trì is ceithir.
Thuirt an luchd-dealbhachaidh gun robh iad riaraichte gun do rinn Urras Ghabhsainn na chaidh iarraidh orra, agus gun deach dèiligeadh ri draghan na comataidh ionaltraidh san aithisg a bh' air beulaibh a' bhùird mar-tha.
Chaidh cead a thoirt seachad don sgeama taigheadais cho fada 's gum bi co-dhiù dhà de na h-ochd taighean rim faotainn aig prìs reusanta.