180 cosnadh ùr am Bàgh an Neig an cois Tuath-Gaoithe Dogger Bank

Dealbh de phort air a thogail air an oidhche. Tha tòrr sholas ann agus bàta far a bheil crainn-ghaoithe gan togail. Tùs an deilbh, PORT NEIG
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Port Neig mar phàirt de Shaor-phort Inbhir Nis agus Linne Chrombaigh

  • Air fhoillseachadh

Tha suas ri 180 obraichean gan cruthachadh air Taobh Sear Rois an cois na h-obrach gus an tuath-gaoithe as motha san t-saoghal a thogail.

Bidh iad stèidhichte aig Port Maraen am Bàgh an Neig far an tèid pàirtean de chrainn-ghaoithe a thogail mus tèid an toirt le bàta gu làrach Tuath-Gaoithe 3.6GW Dogger Bank sa Chuan a Tuath.

Tha iad mar-thà a' fastadh dhaoine, agus am measg na bhios a dhìth tha manaidsearan pròiseict agus teicnichean meacanaigeach agus dealanachd.

'S e co-bhanntachd £9bn eadar na companaidhean cumhachd, SSE, Equinor agus Vårgrønn a tha a' togail Tuath-Gaoithe Dogger Bank a bhios còrr air 80 mìle far chosta ear-thuath Shasainn.

Tha iad ga thogail ann an trì ìrean - A,B agus C - agus tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gur e an tuath-gaoithe as motha san t-saoghal a bhios ann.

Nuair a thòisicheas e ann am meadhan 2028, dh'fhaodadh gun cruthaich an tuath-gaoithe cumhachd gu leòr airson dealan a chumail ri 6,000,000 dachaigh a h-uile bliadhna.

Tha Port Neig mar phàirt de Shaor-phort Inbhir Nis agus Linne Chrombaigh.

'S ann an sin a thèid ìrean B agus C den phròiseact a dhèanamh.

Thuirt Ministear Albannach a' Chumhachd, Stephen Gethins: "Tha puirt na h-Alba air leth freagarrach airson taic a chumail ri gluasad chumhachd agus am fàs ann an leasachadh gaoithe aig muir.

"Tha Port Maraen Neig a' nochdadh sin - a' cur ris na cothroman eaconamach san sgìre agus a' cumail taic ri gnìomhachasan solair."

Thuirt Steve Wilson, stiùiriche gaoth far-chladaich aig SSE Renewables, gun robh luchd-obrach fìor sgileil agus goireasan aig àrd-ìre am Bàgh an Neig.