Dàil air AGM Stòras Uibhist

Daoine a' feitheamh ann an loidhne fhada taobh a-muigh talla. Tha SOUTHGYM sgrìobhte air an togalach.
Fo-thiotal an deilbh,

Bha sluagh mòr an làthair aig Talla a' Chinn a Deas 'son EGM Stòras Uibhist sa Ghiblean

  • Air fhoillseachadh

Chaidh dearbhadh nach tèid AGM Stòras Uibhist air adhart air an ath-mhìos mar a bha dùil.

Bha Sealladh na Beinne Mòire - companaidh pàraint an uachdarain choimhearsnachd - roimhe air an AGM a chur air dòigh airson an 17mh den t-Samhain.

Rachadh stiùirichean ùra a thaghadh aig an AGM 'son a dhol an àite nan stiùirichean a th' air a' bhòrd eadar-amail a th' ann an-dràsta.

Ann am brath ùr, thuirt cathraiche Sealladh na Beinne Mòire gun robh aca ri comhairle laghail a shireadh mun cuairt air riaghailtean 'son cead seasamh mar stiùiriche a thaobh aon neach a bha air an cur air adhart.

Thuirt Pòl Steele nach d' fhuair iad a' chomhairle sin air ais fhathast, is mar sin 'son cumail ri riaghailtean na buidhne nach robh dol às aca ach am baileat is an AGM a chur dheth aig an ìre seo.

Thuirt Mgr Steele cuideachd gu bheil am bòrd a' cleachdadh na h-ùine a bharrachd seo 'son beachdachadh air an dòigh a b' fheàrr molaidhean a th' aca 'son am bòrd ùr a thoirt air adhart, nam measg atharrachaidhean air riaghailtean na buidhne.

Thèid na h-atharrachaidhean sin a chur air adhart aig an AGM, thuirt e.

Thuirt Mgr Steele gun coinnich am bòrd nas fhaide air an t-seachdain seo le dùil ceumannan a ghabhail gus AGM a chur air dòigh "cho luath 's a ghabhas".

Thug e taing cuideachd do dhaoine a tha air tagraichean a chur air adhart is feadhainn a bhios a' seasamh, is dhan bhallrachd san fharsaingeachd airson an cuid foighidinn.

"Tha sinn airson 's gun tig duine sam bith le ceistean no draghan mu obair a' bhùird thugainn," thuirt Mgr Steele.

"Tha conaltradh fosgailte cudromach, an dà chuid airson a' bhùird a th' ann agus dhaibhsan a bhios air san àm ri teachd."

Chaidh bòrd ùr eadar-amail a chur os cionn Sealladh na Beinne Mòire aig EGM sa Ghiblean.

Thàinig sin às dèidh mhìosan de chonnspaid is buaireadh taobh a-staigh na buidhne a chuir cha mhòr stad air an obair aca.

Chruinnich sluagh mòr airson an EGM is chuir iad taic làidir ris a' phlana 'son stiùirichean eadar-amail a chur ann an àite.

Bha taic làidir ann cuideachd 'son rùin a chuir uallach air na stiùirichean a ruith gu h-eadar-amail, structar na buidhne a dhèanamh nas proifeiseanta, agus AGM a chur air dòigh an ceann ùine airson stiùirichean ùra a thaghadh.