Dùil ri àrdachadh eile air na tha a' tadhal air Bodach an Stòir

'S e spreadhaidhean bholcànach a cruthaich an tìr seo
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gum bi an àireamh luchd-tadhail aig tè de na làraichean as tarraingiche san Eilean Sgitheanach am-bliadhna nas àirde na chaidh ann o àm Chovid.
Bha àrdachadh a' sìor thighinn air na bha de dhaoine a bha a' dol gu Bodach an Stòir a h-uile bliadhna mus robh glasadh-sluaigh na Rìoghachd Aonaichte ann an 2020, a rèir aithisg Comhairle na Gàidhealtachd.
Bha àireamhan a' dol an-àirde a-risthist bho 2021 agus tha dùil aig an ùghdarras ionadail ri mu 300,000 duine am-bliadhna - 9% nas motha na 2023.
Thar nam bliadhnaichean, chaidh ceuman-coise agus goireasan parcaidh a leasachadh.
Chaidh ionad-tadhail ùr, goireasan parcaidh agus dà ionad-teàirrdsidh airson carbadan dealain fhosgladh as t-samhradh-sa airson dèiligeadh ris na tha a' tighinn de luchd-tadhail.

Tha bòidhchead agus cho annasach 's a tha an cruth-tìre a' tàladh mòran luchd-turais
'S e cruth na tìre na chaidh fhàgail an dèidh spreadhadh bholcàno bho chionn 2,800 millean bliadhna.
Nochd Bodach an Stòir agus an talamh timcheall air ann an mòran fhilmichean, nam measg am film ficsean saidheansail Prometheus agus The Wickerman.
Tha TripAdvisor ga mheas am measg nan àiteachan as motha air an t-saoghal air fad as fhiach do dhaoine tadhal ann.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil làrach-lin ùr agus cunntasan air nam meadhanan sòisealta le fiosrachadh mu chreag-eòlas agus fiadh-bheatha na sgìre, agus comhairle air na h-amannan as trainge.
San aithisg a thèid air beulaibh Comataidh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair an ath-sheachdain, thuirt oifigich: "Tha an dà chuid an làrach-lin agus na meadhanan sòisealta a' cur ri eòlas dhaoine air Bodach an Stòir, a' toirt cothrom do luchd-tadhail an turas aca a chur air dòigh nas fheàrr le fiosrachadh cudromach mu staid nan staranan no mun t-sìde, agus am foghlamachadh mu eachdraidh ionadail, creag-eòlas, cultar agus a' Ghàidhlig."
Barrachd sgeulachdan mar seo
- Air fhoillseachadh6 An Cèitean 2021
