Fear fo chasaid an dèidh ionnsaigh fheiseil san Òban

- Air fhoillseachadh
Tha fireannach, 25, fo chasaid an co-cheangal ri mar a chaidh nighean aois 15 èigneachadh san Òban.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 11:15f oidhche Shathairne mu dhroch ionnsaigh fheiseil aig pàirce spòrs air Craobhshràid Mossfield sa bhaile.
Thuirt na Poilis gun tèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.
Thug iad taing don phoball airson an cuid taice tron rannsachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
