Ionnsaigh fheiseil san Òban

- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis anns an Òban a' rannsachadh aithris gun deach nighean òg èigneachadh sa bhaile.
A rèir na h-aithris, dh'fhuiling an nighean, 15, an ionnsaigh air Craobhshràid Mossfield oidhche Shathairne.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 11:15f.
Thuirt na Poilis gu bheil an rannsachadh a' leantainn.