Foghlam Gàidhlig na 'bhuannachd' dreuchdail?

Thug foghlam Gàidhlig cothroman obrach do Zach Rònan
- Air fhoillseachadh
Tha beachd ann am measg sgoilearan ann am foghlam Gàidhlig gu bheil an sgilean cànain gu bhith na bhuannachd dhaibh san t-saoghal obrach, a reir rannsachaidh ùir.
Ach gus brath a ghabhail air buannachd sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann, mhol an luchd-rannsachaidh gum bu chòir goireasan is comhairle nas fheàrr a bhith ann do sgoilearan.
Ge-tà nochd gu leòr sgoilearan teagamhan nach biodh cothrom aca an cuid Ghàidhlig a chleachdadh às dèidh dhaibh an sgoil fhàgail - mura bi dreuchd aca gus a cur gu feum.

An Dtr Emma Bolger, prìomh rannsaiche a' phròiseict
Seo torradh a' chiad phroiseict rannsachaidh den t-seòrsa, taobh a-muigh, a' coimhead air mar a tha sgoilearan fhèin a' smaointinn air cothroman dreuchdail.
'S e a tha sgoilearan a tha a' dol tro mheadhan na Gàidhlig a' faighinn ach "buannachdan a bharrachd air an comas a' Ghàidhlig fhèin a bhruidhinn," a rèir a' phrìomh rannsaiche, an Dtr. Emma Bolger.
"Thuirt gach duine òg ris an do bhruidhinn sinn gum biodh iad cinnteach an comasan Gàidhlig a chur air an cuid CV is iad an dòchas gum biodh luchd-fastaidh mothchail gun do rinn iad rudeigin a bharrachd," thuirt i.
"Chan e a-mhàin gun deach iad tron sgoil - ach rinn iad sin anns a' Ghàidhlig."
"Bha e na bhuannachd mhòir"
Tha Zach Ronan a' dol leis a' bheachd seo.
Thog e fhein a' Ghàidhlig le bhith a' dol tro sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu. Cha robh Gàidhlig aige san taigh.
A-nis, aois 25, tha e ag obair mar chleasaiche air prògraman chloinne, agus mar cheòladair, uile sa Ghàidhlig.
"Bha e na bhuannachd mhòir," thuirt Zach.
"Oir, mura b' e a' Ghàidhlig, cha bhithinn air tòrr de na cothroman a th' agam a-nis a thaobh obair fhaighinn idir."
Am moladh a th' aigesan do sgoilearan an là an-diugh: bi dìcheallach.
"Cha ro mi idir a' smaoineachadh air a bhith ag obair ann an saoghal na Gàidhlig nuair a bha mi anns an sgoil," thuirt e.
"Ach bha Gàidhlig a' còrdadh rium, agus dh'fheuch mi anns a' chuspair. Agus air sgàth sin tha mi gu math fortanach gun do landaig mi an seo a-nist."
Goirseasan is taic a dhìth
Mhol an Dtr Bolger cuideachd gum bi goireasan is comhairle nas fhreagarraiche ann do dhaoine òga a' tha a' dol tromh fhoghlam Ghàidhlig gus an ceangal ri obraichean far am biodh Gàidhlig cudromach neo gu feum air choireigin.
"Tha na h-uimhir de bhuidhnean poblach ann le planaichean Gàidhlig," thuirt i, mar eisimpleir.
"Thathas ag amas air barrachd luchd-labhairt Gàidhlig fhastadh - ach chan eilear ag innse ciamar.
"Chan eil fios aca ciamar a nì iad an ceangal sin le dhaoine òga tha air foghlam fhàgail," thuirt i.
Gus an rannsachadh seo a dheanamh, chaidh buidhnean-fòcais a dhèanamh le 114 sgoilearan eadar S4-6 agus suirbhidh a lìonadh le 47 duine-òg a bh' air an sgoil fhàgail.
Le àireamhan fior bheag mar seo, bu choir a bhith "faiceallach" le mar a thathar a' leughadh an rannsachaidh seo, a rèir an eòlaiche Ghàidhlig, an Dtr. Inge Birnie.
"'S e rannsachadh gu math, math inntinneach (a th' ann)," thuirt an Dtr Birnie, a thaobh beachdan na h-òigridh a chluinntinn.
Ach shònraich i gur ann mu "mar a tha sgoilearan a' faireachdainn" a tha seo - seach buannachd ann an da-rìribh.
"Tha sin inntinneach anns an t-saoghal an-diugh nuair a tha dreuchdan gu math nas dorra a lorg do dhaoine òga."
Tha an dithis ag aontachadh gum bu chòir rannsachadh nas mionaidiche a bhith ga dhèanamh air dè bhios sgoilearan tha a' dol tro fhoghlam Ghàidhlig a' dèanamh nuair a dh'fhàgas iad an sgoil.
Thuirt a' bhuidheann Leasachadh Sgilean na h-Alba gu bheilear taiceil ri sgoilearan ann am foghlam Gàidhlig, agus gum bithear a' cur aire air na cothroman a tha na lùib an dà chuid anns na sgoiltean agus aig tachartasan cultarail, leithid a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail cuideachd.
Tha am plana Gàidhlig ùr cuideachd a' gealltainn barrachd ghoireasan Gàidhlig do sgoiltean.