Airgead a dhìth airson seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a dhèanamh na goireas coimhearsnachd

- Air fhoillseachadh
Tha a' bhuidheann coimhearsnachd a cheannaich Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis ag amas air £250,000 a thogail airson an togalach a leasachadh.
Tha cola-deug on thòisich iad air na dorsan fhosgladh dhan phoball.
Chan eil an togalach fosgailte ach airson trì uairean de thìde dà la san t-seachdain leis nach eil saor-thoilich gu leòr aca.
"Mar as àbhaist, tha sinn a' cur fàilte air co-dhiù 120 duine sna trì uairean sin," thuirt Maureen Kenyon a th' air a bhith an sàs sa phròiseact on chaidh an eaglais a dhùnadh bho chionn ceithir bliadhna.
Bu mhath leotha an togalach fhosgladh nas trice ach dh'fheumadh iad luchd-taice a bharrachd airson sin a dhèanamh.
"Tha na tha siud de sgeulachdan san togalach ud!"
- Air fhoillseachadh11 An Cèitean
Tairgsean a-staigh 'son Seann Àrd-Eaglais Inbhir Nis a cheannach
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2025
Tha an làrach air a bheil an togalach air a bhith na h-àite-adhraidh airson 1,500 bliadhna.
Bha Joy Crosser na ball den eaglais agus tha i an-diugh a' cur fàilte air luchd-tadhail.
Fhuair i a-mach gun deach a sinn-sinn-sinn-sheanair a bhaisteadh san eaglais ann an 1780.
"Tha mi den bheachd gum biodh e fìor do gu leòr de mhuinntir Inbhir Nis, ma thèid iad air ais fada gu leòr, gu bheil ceangal aca ris.
"B' e seo meadhan Inbhir Nis, dh'fhaodadh tu a ràdh, b' e an cùram sòisealta don bhaile," thuirt i.
Tha am pròiseact ag amas air àite beò a dhèanamh den togalach uair eile airson ceòl, tachartasan, dualchas agus na coimhearsnachd.
Mar sin, ged a tha dorsan na seann Àrd-Eaglaise air fosgladh a-rithist tha an ath-cheum fhathast romhpa - barrachd cuideachaidh, barrachd airgid agus plana seasmhach airson àite a th' air a bhith aig cridhe Inbhir Nis airson ghinealaichean.