Èigniche poilis gus ath-thagradh a dhèanamh

- Air fhoillseachadh
Nì oifigear poilis a chaidh a dhìteadh airson dithis bhoireannach èigneachadh ann an Steòrnabhagh agus Inbhir Nis ath-thagradh an aghaidh na binne 10 bliadhna a chuireadh air.
Thug Camshron Ros, 39, ionnsaighean air na boireannaich ann an Steòrnabhagh ann an 2012 agus 2014, mus do rinn e droch dhìol air boireannach eile ann an Inbhir Nis eadar 2019 agus 2022.
Rinn e an uair sin droch dhìol air boireannach eile ann an Inbhir Nis eadar 2019 agus 2024.
Chaidh Ros a chur far a dhreuchd rè ùine le Poileas Alba san Fhaoilleach 2024 an dèidh mar a thàinig na casaidean am follais.
Leig e dheth a dhreuchd air a' mhìos a chaidh.
Chaidh a chur dhan phrìosan na bu thràithe den mhìos seo an dèidh do dhiùraidh fhaighinn ciontach aig cùis san Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann sa Chèitean.
A thuilleadh air a' bhinn 10 bliadhna sa phrìosan a chaidh a chur air, chaidh cuideachd a chur air clàr nan drabastairean gun cheann-ùine.
Bha e air a dhol às àicheadh nan casaidean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An t-Iuchar
