Turasachd Uibhist: "Mura h-eil aiseagan a' tighinn, chan eil daoine a' tighinn"

- Air fhoillseachadh
Tha gnothachasan turasachd ann an Uibhist a' cumail a-mach gu bheil tòrr nas lugha de luchd-tadhail a' tighinn am-bliadhna, agus gur e dìth misneachd mu sheirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn as coireach.
Aig aon àm am-bliadhna, bha an treas cuid de shoithichean ChalMac nach robh a' seòladh eadar iad a bhith briste neo a' faighinn seirbheis bhliadhnail.
Thuirt tè-labhairt: "Thug seo buaidh air na seirbheisean againn agus 's e sin as adhbhar gu ìre gun robh àireamhan luchd-siubhail air seirbheisean Uibhist sìos 8% eadar am Faoilleach agus an t-Ògmios an taca ri 2025."
Bha aithrisean ann sa Ghiblean gun robh daoine a' cur dheth chuairtean do na h-eileanan.
Tha BBC Naidheachdan air bruidhinn ri triùir a tha an sàs sa ghnìomhachas agus iad ag ràdh gu bheil uallach mòr orra mun àm ri teachd.

Tha Caitrìona Walker ag ràdh gu bheil Bùth Coimhearsnachd Èireisgeigh a' call airgid airson a' chiad uair
Tha manadsair Bùth Coimhearsnachd Èireisgeigh air innse dhuinn gu bheil iad ann an suidheachadh far a bheil iad a' call barrachd airgid na tha iad a' cosnadh airson a' chiad uair a-riamh.
Tha Caitrìona Walker ag ràdh gum b' àbhaist dhaibh a bhith air leth trang le "daoine a-mach agus a-steach fad an là, chan eil fois idir agad", ach gun robh iad mòran na bu shàmhaiche san dà bhliadhna a dh'fhalbh gu h-àraid.
Thuirt i: "Chan eil e math a thaobh a bhith a' cumail daoine ag obair neo a' dèanamh cinnteach gu bheil a' bhùth gus a bhith sàbhailte."
Sgeama taic do ghnothachasan eileanach ga fosgladh
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2025
Maoin ùr aiseig ga iarraidh gun dàil
- Air fhoillseachadh28 An Cèitean
Tha Riaghaltas na h-Alba air Maoin Seasmhachd do Ghnothachasan Eileanach a stèidheachadh, agus fhuair a' bhùth £5,000.
Thuirt Caitrìona Walker: "Niste, tha mi cinnteach gun do choimhead sin às dèidh dà là nuair a thu a' smaointinn air an airgead a tha thu air a chall a thaobh obair aiseagan."

Tha Iain MacRuairidh ag ràdh gu bheil an dàrna leth nas lugha de luchd-turais ann am-bliadhna aig na gnothachasan aige an taca ri 2025
Tha Taigh-smocaidh Salar agus Charlie's Bistro ann am Beinn na Faoghla fo stiùir Iain MhicRuairidh.
Tha esan ag ràdh gu bheil lùghdachadh 51% air na thàinig de luchd-turais am-bliadhna, gu bheil an teachd a-steach aca sìos 34%, agus gu bheil na tha daoine a' cosg sa chumantas sìos 20% an coimeas ri àireamhan an-uiridh.
Tha an t-eagal air nach tig piseach air suidheachadh nan aiseagan san aithghearrachd
"'S dòcha gun toir e bliadhna neo dhà seo a chur air dòigh. Chan eil misneachd sam bith aig daoine tighinn dha na h-eileanan airson airgead a chosg," thuirt e.

Tha Amanda Leveson Gower ag ràdh gur dòcha gum bi aca ri na h-uairean fosglaidh aig Loidse Langais a ghearradh agus cùisean cho sàmhach aca
Tha Amanda Leveson Gower, a tha a' ruith Loidse Langais an Uibhist a Tuath, ag aithris nach eil na h-uimher de dh'aoighean air a bhith aca am-bliadhna agus 's e mì-chinnt nan aiseagan as coireach na beachd.
"Feumaidh gnothachasan misneachd agus chan eil misneachd aig duine sam bith againn an-dràsta," thuirt i.
Thuirt i gu bheil seo a' toirt buaidh air a' ghnothachas agus air a' choimhearsnachd leis gum bi "daoine a' call misneachd airson a bhith ag obair dhuinn, is tha sinn a' call misneachd a thaobh a bhith a' fastadh dhaoine".
Tha prothaid an t-samhraidh a' ciallachadh gum faod iad an taigh-òsta a chumail fosgailte tro na mìosan sàmhach nuair a bhios iad a' call airgid ach thuirt i gur dòcha gum bi aca ri "coimhead air na h-uairean fosglaidh againn a lùghdachadh".
Thuirt i: "Airson a' chiad uair tha sinn a' beachdachadh air atharrachaidhean mòra a thoirt air an dòigh sa bheil sinn a' ruith a' ghnothachais ma tha sinn gu bhith buan."
Suirbhidh air buaidh staing nan aiseagan air gnothachasan eileanach
- Air fhoillseachadh15 An Giblean
Thuirt tè-labhairt ChalMac: "Bha troimhe-chèile mòr tron lìonra air fad againn eadar am Màrt agus an Cèitean le faisg air an treas cuid den chabhlach againn a-mach à seirbheis aig an àm.
"Tha na h-àireamhan a-nis a' coimhead nas fheàrr le tòrr de na seirbheisean, nam measg an fheadhainn eadar Loch Baghasdail is an t-Òban agus eadar Steòrnabhagh is Ullapul, mar-thà làn an t-seachdain seo.
"A bharrachd air sin, tha an MV Glen Sannox mar shoitheach a bharrachd sna h-Eileanan an Iar a' cumail taic ri seirbheisean, mar eisimpleir, aig àm fèisean HebCelt agus EDF.
"Tha sinn a' tuigsinn cho cudromach 's a tha turasachd do dh'Uibhist agus tha sinn a' dèanamh ar dìchill seirbheisean seasmhach anns an gabh earbsa cur a ruith."