Fear a rinn bhideothan TikTok a chlàr e gu h-os ìosal le a speuclairean ga sgrùdadh

Thog Margerison sreath bhideothan de dhaoine ris an do thachair e air feadh Alba a' cleachdadh speuclairean Meta sa bheil camarathan beaga
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sgrùdadh duine a chuir cuairt air a' Ghàidhealtachd agus na h-eileanan o chionn ghoirid le speuclairean Meta a bha a' clàrdadh dhaoine gun fhiosta dhaibh.
Am measg nam bhideothan a dh'fhoillsich e tha Scott Margerison, 42, à Rotherham, a' toirt droch bheul do choigreach, a' cleachdadh bhriathran drabasta mu bhoireannaich òga agus a' còmhradh ri tè-bhùtha Sikh far a bheil e a-mach air plana airson "briodadh a-mach an cinneadh geal".
Thog e bhideo eile air taigh-cuibhle bàta-aiseig ChalMac an Loch Seaforth a dh'fhàg gun do chuir a' chompanaidh stad rè ùine air na cuairtean a tha gu mòr a' còrdadh ri luchd-siubhail.
Thuirt Poileas Alba gun deach gearan riutha mu dheidhinn agus gu bheil iad a' rannsachadh an deach eucoir a dhèanamh.
Tha Naidheachdan BBC Scotland air feuchainn ri beachd fhaighinn bho Mhargerison.

Margerison, ann an Dùn Omhain, le micreofon san fheusaig aige
Am measg nan àitichean dhan deach e air a chuairt san Ògmhios, bha Dùn Omhain, Gleann Comhann, an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist, Barraigh agus Leòdhas.
A dh'aindeoin 's nach eil e ach ri fealla-dhà ann an tòrr de na bhideothan aige tha feadhainn eile nach eil cho aotram gu h-àraid nuair a choinnicheas e ri boireannaich òga no daoine bho mhion-shluagh cinnidheach.
Dh'innis e do bhoireannach Sikh le cinnidheachd Innseanach a rugadh an Lunnainn ach a rinn a dachaigh san Eilean Sgitheanach airson 20 bliadhna gu bheilear a' feuchainn ri iomadachd a "sparradh" air an Roinn Eòrpa.
Thug e iomradh air a' Phlana Kalgeri - teòiridh na fìor làimhe deise mu chuilbheart le amas "briodadh a-mach daoine geala".
"Dh'fhàg e troimh-chèile mi"
Bha am boireannach, a bha a' ruith bùtha, air innse dha gun robh a bheachdan "rud beag oilbheumach".
Sa bhideo a rinn e às dèidh seo tha Margerison a' gearan nach "robh iad a' tuigsinn".
Dh'innis am boireannach dhan BhBC gun do chuir Margerison eagal oirre agus gun do rinn i gal nuair a chaidh innse dhi gun deach an còmhradh eatorra a chlàradh gun fhiosta dhi agus a chur air TikTok
"Tha e gad fhàgail a' faireachdainn gu math beag nuair a chì thu bhideo mar seo," thuirt i.
"Agus tha e duilich oir tha a h-uile duine sa choimhearsnachd seo gu math laghach. Dh'fhàg seo troimh-chèile mi."
- Tùs an deilbh, YOUTUBE

Fo-thiotal an deilbh, Thog Margerison bhideo den chriutha air taigh-cuibhle aiseag ChalMac mar phàirt de a chuairt
1 de 3
Ann am bhideo eile, tha Margerison a' cleachdadh bhriatharan drabasta mu choltas dithis dheughairean nuair a tha e a' dràibheadh air bòrd aiseag beag ChalMac.
Rinn e còmhradh leis a' chloinn-nighean agus am pàrantan air bòrd agus coltas nach robh fios aca gun robh e gam filmeadh.
Air an t-slighe a Leòdhas air bòrd an Loch Seaforth thug criutha suas chun an taigh-chuibhle e - cuairt a tha a' chompanaidh a' tabhann air luchd-siubhail ma tha an sgiobair deònach.
Nuair a thàinig e am barr gun deach an criutha fhilmeadh gu h-os ìosal dh'innis CalMac gun do sguir iad de na cuairtean rè ùine.
Thuirt neach-labhairt do ChalMac gun deach innse do Mhargerison ro làimh gun robh togail dhealbhan agus filmeadh anns an taigh-chuibhle toirmisgte.

Mark Zuckerberg, àrd-oifigear Meta, le paidhir glainneachan AI air
Tha ceist ann mu laghalachd a bhith a' filmeadh le glainneachan Meta.
Dh'fhaodadh e a bhith an aghaidh an lagha ann an àite poblach ma thèid am meas mar dhol a-mach sàrachail, buaireanta no a chuireadh eagal air daoine.
Tha Instagram air cunntasan Mhargerison a dhùnadh.
Thuirt TikTok nach robh iad a' ceadachadh stuth a bha a' sàrachadh dhaoine.
Thuirt YouTube gum biodh iad a' sgrùdadh bhideothan Mhargerison air an làraich aca.
Thuirt neach-labhairt Poileas Alba: "Tha sinn mothachail gun deach bhideothan a chur air-loidhne agus tha sinn gan sgrùdadh."

