Uachtarán na hÉireann a' tadhal air Sabhal Mòr Ostaig

Boireannach le falt liath agus fiamh a ghàire oirre. Tha seacaid ghorm oirre agus tha leabhraichean mòra air sgeilf air a cùlaibh.Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Bheir Uachtarán na hÉireann, Catherine Connolly, òraid seachad aig an t-Sabhal Mhòr

  • Air fhoillseachadh

Tadhlaidh Uachtarán na hÉireann agus Rùnaire na Gàidhlig air Sabhal Mòr Ostaig Disathairne.

Bheir an t-Uachtarán, Catherine Connolly, òraid seachad aig a' cholaiste agus bruidhinnidh Màiri NicAilean airson cùisean a thoirt gu crìch.

Tha dùil cuideachd gum bi Makar na h-Alba, Pàdruig MacAoidh, an làthair airson pìos a leughadh agus gum bi ceòl beò ann bho Julie Fowlis agus Eamon Doorley.

Fhad 's a bhios iad aig an t-Sabhal, coinnichidh Ms Connolly agus Ms NicAilein ri luchd-obrach 's oileanaich na colaiste agus gabhaidh iad cuairt timcheall baile na Cille Bige, faisg air làimhe.

Boireannach le falt bàn gu guailnean agus i a' dèanamh gàire.Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tadhlaidh Rùnaire na Gàidhlig, Màiri NicAilein, air Sabhal Mòr Ostaig Disathairne

Chaidh am baile ùr a stèidheachadh mar thoradh air com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, Comhairle na Gàidhealtachd agus a' chompanaidh-togail ionadail aig Seumas MacCuinn.

Bidh cothrom co-chomhairleachaidh an lùib an turais cuideachd agus Ms NicAilean an dùil coinneachadh ri Fèisean nan Gàidheal airson bruidhinn mu phlanaichean gus Companaidh Taisbeanaidh Nàiseanta a stèidheachadh, airson roinn a' chiùil thraidiseanta ann an Alba a bhrosnachadh.

Chaidh sin a ghealltainn ann am manifesto an SNP air thoiseach air Taghadh na h-Alba.

Tha co-chomhairleachadh, taobh a-muigh poblach fosgailte an-dràsta agus beachdan gan sireadh air mar a bheireadh buidheann ùr den leithid togail do cheòl thradiseanta na h-Alba air feadh an t-saoghail.

Thuirt Ms NicAilein gu bheil ceanglaichean domhain eachdraidheil 's cultarail eadar Alba agus Èirinn agus gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' miannachadh na dàimhean sin a neartachadh.

"Tha sinn ag iarraidh barrachd co-obrachaidh anns na roinnean cudromach leithid foghlam, cultair agus malairt - a tha a' saoibhreachadh àr dùthchannan agus a' toirt chothroman do dhaoine.

"Agus chan eil àite ann coltach ri Sabhal Mòr Ostaig airson na ceanglaichean eadar coimhearsnachdan Gàidhealach a chomharrachadh.

"Tha Alba air a bhith a' brosnachadh dhaoine gus a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, gu h-àraid ginealaichean òga - agus 's urrainn dhuinn an t-uamhas ionnsachadh bho ar nàbaidhean an Èirinn a thaobh ath-bheòthachadh cànain agus leasachadh coimhearsnachd."