"Cha bhac" leasachadh Gàrradh MhicFhearrghais togail dà bhàt-aiseig ùr

MV Glen Rosa ga togailTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Gàrradh MhicFhearghais nach tèid obair-leasachaidh a tha a-niste ga dhèanamh air a' ghoireas san rathad air togail dà bhàt-aiseig ùr eile do ChalMac.

Dh'fhoillsich an gàrradh an-dè gu bheil an goireas ann am Port Ghlaschu ga leasachadh a-niste agus an MV Glen Rosa air a gluasad gu làrach eile airson obair chrìochnachaidh.

Thugadh an Glen Rosa, an tè mu dheireadh de dhà bhàt-aiseig ùr a chaidh a thogail air cùmhnant chonnspaideach - gu cidhe Innis Ghrianaich ann an Grianag Diciadain far an tèid deuchainnean coimiseanaidh a dhèanamh oirre.

Tha dùil gur ann do Ghàrradh MhicFhearghais, a tha le Righaltas na h-Alba, a thèid cùmhnant a thoirt, gun fharpais, airson an dà bhàt-aiseig ùr a thogail do Chaolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh.

Thèid Gàrradh MhicFhearghais a-niste ath-nuadhachadh, le goireasan ùra didseatach gan cur an sàs airson comasan a' ghàrraidh a leudachadh.

Am measg na thèid a dhèanamh cuirear teicneòlas adhartach dèanamh-stàilinn a-steach, a thuilleadh air leasachaidhean a thoirt air bun-structar dealain is sàbhailteachd.

Thèid cuideachd siostam manaidsearachd didseatach a chur an sàs a nì am pròiseas togail nas siubhlaiche.

Thuirt àrd-stiùiriche a' ghàrraidh, Graeme MacThòmais: "Tha an obair ath-nuadhachaidh a tha a' dol air adhart aig a' ghàrradh-shoithichean air a dhealbh a dh'aona-ghnothach gus taic a chur ri lìbhrigeadh nan cùmhnantan seo gu h-èifeachdach agus aig àrd-ìre.

"Aon uair 's gu bheil cùmhnantan air an dearbhadh gu foirmeil, 's e obair dhealbh mhionaideach agus modaileadh didseatach a nithear an toiseach.

"Leis nach tòisich obair-togail fhiosaigeach air na laimrigean airson ùine, bidh na leasachaidhean aig ìre gu math adhartach mus tòisichear a' gearradh stàilinn."

Bha còir aig an MV Glen Rosa a bhith air a toirt seachad do ChalMac ann an 2018, ach thàinig maill mhòr air a' chùmhnant, a bha cuideachd na milleanan mòra thairis air buidseat.

Tha an tèile den dà bhàta a thogadh fon chùmhnant, an Glen Sannox, air a bhith ga càradh grunn triopan cuideachd bho chaidh i ann an seirbheis san t-Samhain 2024.