"Spionnadh eaconamach" an cois seirbheis adhair ùir do Ghallaibh

Thòisich seirbheisean Air Charter Scotland eadar Inbhir Ùige is Obar Dheathain aig toiseach na bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha ceannard Comhairle na Gàidhealtachd air fàilte a chur air an naidheachd gum bi seirbheis adhair ùr eadar Inbhir Ùige agus Glaschu, agus gun lean an tè gu Obar Dheathain airson bliadhna eile.
Bha Reamonn Bremner a' bruidhinn an dèidh dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba Diciadain gun toir iad £1.8m airson an t-seirbheis eadar Inbhir Ùige is Obar Dheathain a chumail a' dol, agus airson tè ùr a Ghlaschu.
Cha robh e soilleir na bha an dàn don t-seirbheis PSO an dèidh don chompanaidh a bha ga ruith, Eastern Airways, a dhol ann an rianachd san t-Samhain an-uiridh.
Ghabh a' chompanaidh Air Charter Scotland thairis an t-seirbheis aig toiseach na bliadhna.
Oidhirp seirbheisean adhair Inbhir Ùige a ghlèidheadh 's Eastern Airways an rianachd
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Seirbheis-adhair Inbhir Ùige aig ìre "tairgse roghnaichte"
- Air fhoillseachadh24 An t-Samhain 2025
Loganair a' coimhead air an t-seirbheis eadar Inbhir Ùige is Obair Dheathain
- Air fhoillseachadh13 An t-Samhain 2025
Tha an Comhairliche Bremner, a tha a' riochdachadh Uàrd Inbhir Ùige agus Gallaibh an Ear, ag ràdh gu bheil na seirbheisean a' toirt cothrom don t-sluagh "faighinn gu ospadalan agus obraichean agus a' ceangal ghnìomhachasan ris an sgìre againn".
Tha e a' toirt suas ri còig uairean de thìde dràibheadh eadar Gallaibh agus Obar Dheathain.
Thuirt e:"'S e rud air leth cudromach don eaconomaidh againn agus ri oidhirpean sluagh a ghlèidheadh."
Tha e gu sònraichte toilichte gum bi seirbheis trì tursan san t-seachdain eadar Inbhir Ùige agus Glaschu.
Thuirt e: "Bha mòran dhaoine agus gnìomhachasan ann an Gallaibh ag iarraidh seirbheis gu meadhan na h-Alba far am faod sinn ceangal a dhèanamh ri iomadh seirbheis eile agus gu àitichean nàiseanta agus eadar-nàiseanta."