Seirbheis-adhair Inbhir Ùige aig ìre "tairgse roghnaichte"

- Air fhoillseachadh
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad an-dràsta aig ìre tairgse roghnaichte ann a bhith a' lorg companaidh a ruitheas seirbheis-adhair eadar Inbhir Ùige agus Obar Dheathain.
Bha Eastern Airways os cionn na seirbheis mus deach iad ann an rianachd.
Se slighe Òrdugh Seirbheis Poblach (PSO) a tha eadar Inbhir Ùige agus Obar Dheathain agus tha Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd a' cumail taic ris an t-seirbheis-adhair.
Chaidh pròiseas èiginneach a thòiseachadh nas tràithe air a' mhìos gus companaidh eile a lorg airson na seirbheis - airson ceithir mìosan anns a' chiad àite.
Thuirt a' chomhairle gun robh iad aig ìre tairgse roghnaichte agus gun robh cùisean an-dràsta na stad.
Oidhirp seirbheisean adhair Inbhir Ùige a ghlèidheadh 's Eastern Airways an rianachd
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Loganair a' coimhead air an t-seirbheis eadar Inbhir Ùige is Obair Dheathain
- Air fhoillseachadh13 An t-Samhain 2025
Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun robh iad mothachail gun robh miann aig a' phoball, gnothachasan agus aig luchd-turais fios a bhith aca dè bha a' tachairt leis a' phròiseas agus gun toireadh iad seachad fiosrachadh a bharrachd nuair a thèid sola poblach a chriochnachadh.
Thug Riaghaltas na h-Alba subsadaidh £1m seachad airson na seirbheis agus thug a' chomhairle £300,000 seachad.
Bha cuid ann an Gallaibh mì-thoilichte nuair a stad an t-seirbheis aig Eastern Airways agus iomagain orra gun robh call na seirbheis a' ciallachadh nach biodh an sgìre tarraingeach do theaghlaichean no do ghnothachasan.
Thuirt a' chompanaidh Albannach Loganair gun robh iadsan a' beachdachadh air an t-seirbheis-adhair a ghabhail thairis.