Buidheann cobhair do bheathaichean air fàire sna h-Eileanan an Iar

B' àbhaist don SSPCA cobhair a dhèanamh air cuileanan ròin a th' air am fàgail air tràighean nan Eilean Siar ach tha a-nis "beàrn mhòr" san t-seirbheis sin
- Air fhoillseachadh
Tha iomairt a' dol sna h-Eileanan an Iar carthannas a stèidheachadh a bheir taic do bheathaichean an dèidh do Chomann Rìoghail Albannach airson Dìon nan Ainmhidhean (SSPCA) an t-seirbheis aca san sgìre a ghearradh.
Thuirt an SSPCA sa Mhàrt gun robh iad a' lùghdachadh an cuid obrach sna h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn agus iad airson sàbhalaidhean luach 20% a dhèanamh.
Bha Calum Watt, seann inpseactair don SSPCA sna h-Eileanan an Iar airson còrr is 30 bliadhna, am measg na rinn càineadh air a' cho-dhùnadh.
Thuirt e aig an àm gun robh e "nas miosa na craicte" agus thug e seachad rabhadh gum fuilingeadh beathaichean.
"Nas miosa na craicte" gu bheil an SSPCA a' tarraing às na h-eileanan
- Air fhoillseachadh22 An Giblean
A-nis tha e fhèin agus feadhainn eile a' dol a dh'fheuchainn ri buidheann ùr a chur air chois air am bi Slàinte Bheathaichean Innse Gall (Hebridean Animal Welfare) a lìonas a' bheàrn.
Tha Mgr Watt ag ràdh gu bheil e riatanach gum bi cuideigin sna h-eileanan a dhèiligeas ri suidheachaidhean èiginn.
"Bidh tòrr chuileanan ròin air na tràighean a chaidh fhàgail agus b' àbhaist dhuinn an cur air an aiseag gu tèarmann fiadh-bheatha ann an Dùn Phàrlainn.
"Ge b' i cò a bhiodh ann bhiodh iad ag obair gu dlùth le na diofar bhuidhnean ach co-dhiù bhiodh cuideigin a thigeadh airson taic a thoirt dhut leis an trioblaid agad."

Tha seann Inspeactair an SSPC am measg an fheadhain a nochd dragh gum faod beathaichean fulang mura bi seirbheis cobhair ann
Tha prìomh lighiche-sprèidh ann an Leòdhas, Hector Low, ag ràdh gun tug gearradh air ais air seirbheis an SSPCA buaidh mhòr air an obair aca gu h-àraid le cùisean le fiadh-bheatha.
"Chan urrainn dhuinn mar ionad-bheata an cùram ath-shlànachaidh a tha a dhìth an dèidh cobhair a dhèanamh orra a thoirt seachad.
"Feumar iomairt co-òrdanaichte airson an glacadh agus leis cho trang 's a tha sinn an seo chan eil an ùine againn uaireannan a dhol a-mach," mhìnich e.
Tha e ag ràdh gur e "ceum mìorbhaileach air adhart" a bhiodh ann am buidheann ùr a ghabhadh uallach airson obair mar sin.
Thuirt e gum feumte maoineachadh gu leòr a bhith aca airson beathaichean a ghluasad gu tìr-mòr airson cùram ceart bho eòlaichean gun luaidh air saor-thoilich gu leòr a bhiodh deònach obair chruaidh a dhèanamh.

Tha an lighiche-sprèidh Hector Low ag ràdh gu bheil barrachd uallaich air a bhith orra ri linn nan gearraidhean
Tha an luchd-iomairt am beachd stiùireadh fhaighinn bho riaghladair nan carthannasan an Alba OSCR air mar a stèidhicheas iad a' bhuidheann.
Tha dùil gum bi coinneamh phoblach air a cumail ann an Steòrnabhagh gus bruidhinn air an t-slighe air adhart.
Thuirt Calum Watt: "Tha sinn air tòiseachadh air airgead a chruinneachadh leis an amas gum pàigh sinn airson inspeactair le bhana a bheir taic dhan choimhearsnachd trioblaidean slàinte bheathaichean.
"Chan eil mi a' ciallachadh dìreach Leòdhas is na Hearadh, tha mi a' ciallachadh eadar Nis agus Barraigh leis gur e sin a b' àbhaist dhomhsa a bhith a' dèanamh."
Thuirt e gun robh iad an dòchas gum bi a' bhuidheann aca air a stèidheachadh ro dheireadh na bliadhna agus gun tachradh an aon rud an Arcaibh is Sealtainn.

B' àbhaist don SSPCA a bhith a' dèiligeadh ri ainmhidhean mar eòin-chreachaidh a bha air an goirteachadh agus feumach air cùram air tìr-mòr
Ann am brath, thuirt an SSPCA gun robh dùbhlain maoineachaidh as coireach ri atharrachadh san t-seirbheis airson leigeil leotha "còraichean bheathaichean a dhìon air feadh Alba airson bliadhnaichean ri teachd".
Thuirt iad nach do tharraing iad buileach à "coimhearsnachdan eileanach neo na h-ainmhidhean ann".
Thuirt iad: "Tha sinn a' leantainn oirnn dèiligeadh ri draghan agus taic a thoirt do bheathaichean.
"Tha sinn a' cleachdadh a' bheagan airgid a th' againn air na beathaichean as fheumaich air cùram agus bidh inspeactairean bho Bhuidheann Sgrùdaidh a' Chinn a Tuath fhathast an urra ri sgrùdaidhean sna h-eileanan mar a bha roimhe."