MacGriogair air ais aig Caley Thistle

Roddy MacGriogairTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air Roddy MacGriogair a thoirt air ais chun a' chluba air cùmhnant dà bhliadhna.

Chuir MacGriogair an dà bhliadhna mu dheireadh seachad aig Queen's Park às dèidh dha Caley Thistle fhàgail ann an 2024.

Rugadh is thogadh MacGriogair ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd is bha e na sgoilear aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis na bhalach.

Thàinig e tro shiostam òigridh Chaley Thistle sa bhaile is e a' cosnadh cliù aig aois òg mar chluicheadair.

Chluich e dhan sgioba airson a' chiad turas ann an 2018 agus uile gu lèir nochd e dhaibh 113 turas tron chiad ghreis aige aig a' chluba, a' faighinn 6 tadhail.

Thuirt MacGriogair: "Tha mi cho toilichte a bhith air ais. Tha mi air bhioran faighinn gu dol leis gur e àite cho math a th' ann ball-coise a chluich.

"Tha mi eòlach air a' mhanaidsear, Scott Kellachar, agus an leas-mhanaidsear, Billy MacAoidh, agus cuideachd air an t-seòrsa buill-choise a tha iad ag iarraidh a chluich.

"Tha e cho math gan coimhead a' cluich agus thug sin buaidh air a' cho-dhùnadh agam.

"Tha mi eòlach air a' chluba san fharsaingeachd, agus tha mi a' leantainn Inbhir Nis, so bha sin cuideachd am measg nan adhbharan gun do roghnaich mi tilleadh."

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte