Coinneamh mu dhuilgheadasan seirbheis a' phuist am Muile

- Air fhoillseachadh
Tha dùil ri coinneimh Diciadain eadar am Post Rìoghail agus cuid de mhuinntir Mhuile, agus gearan ann gu bheil seirbheisean a' phuist san eilein air a dhol am miosad sna mìosan a chaidh seachad.
A rèir mhuinntir an eilein tha maill mhòr air litrichean cudromach leithid bhilichean agus fiosrachadh mu choinneamhan meadaigeach a bhith a' ruighinn an eilein, agus iad ag ràdh gu bheil àireamh mhòr de pharsailean a' cur ris an uallach a th' air luchd-obrach a' phuist.
Coinnichidh muinntir an àite ri riochdairean a' Phuist Rìoghail Diciadain airson bruidhinn mun trioblaid.
Thuirt am Post Rìoghail gu bheil obair mhòr an lùib a bhith a' cumail seirbheis ri coimhearsnachdan eileanach, agus gu bheil iad an eisimeil bhàtaichean-àiseig, agus seirbhisean adhair, rudan ris nach eil gnothach aca.
Thuirt neach-labhairt gu bheil duighleadasan air a bhith aca cuideachd le bhith a' fastadh agus a' cumail luchd-obrach ionadail.
Thuirt e gu bheil iad fhathast a' feuchainn ri eileanaich fhastadh, agus gu bheil iad a' tabhainn duais airgid do dh'fheadhainn a thig a dh'obair dhaibh, agus nach eil iad a' cleachdadh luchd-obrach eadar-amail ach nuair a dh'fheumas iad.
Sgìrean Eileanach
Tha a' choinneamh a' tachairt goirid an dèidh mar a dh'iarr Luchd-cleachdaidh Alba air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte piseach a thoirt air seirbheisean puist nan sgìrean eileanach - a' sònrachadh Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar, ach gun iomradh air eileanan Earra-Ghàidheal.
Chaidh dragh a thogail le cuid de dhaoine ris an do bhruidhinn a' bhuidheann mu chosgaisean a bharrachd a tha cuid de chompanaidhean a' cur air a bhith a' lìbhrigeadh stuth dha na h-eileanan seach tìr-mòr, sin ma tha iad fiù 's deònach stuth a chur gu eileanan.
Bha gearan ann cuideachd air oifisean puist a bhith a' dùnadh no a' gluasad gu làraichean taobh a-muigh meadhan bhailtean, no a' gearradh air ais air na h-uairean fosglaidh aca.
Chaidh a ràdh nach eil earbsa aig muinntir nan eilean anns an t-seirbheis gum faigh iad stuth a thathas a' cur thuca.