Maoineachadh càrbon-neòdrachd do chòig eileanan

Mullach Dhùn Cana ann an RatharsairTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ratharsair air fear de chòig eileanan a fhuair maoineachadh airson pròiseactan a lùghdaicheasn truailleadh càrboin

  • Air fhoillseachadh

Tha còig eileanan air maoineachadh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh a dh'ionnsaigh càrbon-neodrachd.

Fhuair Ratharsair £207,000 airson seann stòr aiseig a dhèanamh na ionad ghiollachd sìthne a bhios an sealbh na coimhearsnachd, agus airson 4,000 craobh dhùthchasach a chur airson àrainnean nàdarra a chàradh.

Cleachdaidh Barraigh £182,000 airson cosgaisean cumhachd a ghearradh aig Talla a' Bhàgh a' Tuath agus cafaidh Ghàrradh a' Bhàgh a Tuath, fhad 's a fhuair Ìle £75,000 airson panalan grèine, stòras bataraidh agus leasachaidhean teasachaidh air feadh togalaichean coimhearsnachd.

Thèid £144,500 a chosg air Eilean Chumaradh Mòr ann an Linne Chluaidh airson 17 dachaigh a theasachadh le cumhachd ath-nuadhachail, agus thèid Talla Coimhearsnachd YM ann an Eilean Hòaigh ann an Arcaibh a leasachadh le £140,000.

Tha Riaghaltas na h-Alba an dòchas gun lùghdaich na h-eileanan an cuid truaillidh chàrboin gu neoni ro 2040.

Tha iad air cha mhòr £5m a chur ri Prògram nan Eileanan Càrbon-neòdrach aca bho chaidh a chur air bhonn ann an 2021.

Thuirt Rùnaire a' Ghnìomh Ghnàth-shìde agus nan Cùisean Dùthchail, Gillian Martin: "Tha dùbhlain dha-rìribh mu choinneimh choimhearsnachdan eileanach leithid cosgais a' bhith-beò, cosgaisean cumhachd nas daoire, agus buaidh atharrachadh na gnàth-shìde a bhith a' sìor fhàs.

"Cuidichidh an t-in-ionmhas seo na mìltean de dh'eileanaich coimhearsnachdan nas làidire 's nas fhèin-fhoghaintiche a thogail a fhreagras air an àm ri teachd."

Thuirt Tom Lusink, aig Urras Leasachaidh Ratharsair, gun cuidich an t-ionad-giollachd ùr smachd fhaighinn air na fèidh san eilean, agus gum bi an obair airson àrainnean nàdarra a chàradh cuideachd ag obair an aghaidh phlanndrais neo-dhùthchasach a tha a' sgapadh.