80 bliadhna on thòisich a' chiad bhana aig Banca Rìoghail na h-Alba

Dealbh dubh is geal de bhana Banca Rìoghail na h-Alba ann am baile beag Gàidhealach. Tha taighean-tughaidh ann cho math ri taigh-croite nas ùire. Tùs an deilbh, BANCA RÌOGHAIL NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich a' chiad bhana aig Banca Rìoghail na h-Alba a' dol air feadh Leòdhais ann an 1946

  • Air fhoillseachadh

Tha Banca Rìoghail na h-Alba a' comharrachadh gu bheil 80 bliadhna on chaidh a' chiad bhana aca air an rathad le bhith a' leudachadh na h-aon seirbheis-siubhail, a tha fhathast a' dol an Alba.

Cheannaich am banca a' chiad bhana - seann oifis pàighidh Arm nan Stàitean Aonaichte - ann an 1946.

Chaidh an carbad a chur a Steòrnabhagh airson seirbheis bancaidh a thoirt do chuid de na bailtean as iomallaiche ann an Leòdhas, a' siubhal mu 50 mìle san là an toiseach.

Bha am "Banca Siubhail" gu h-àraid feumail do chroitearan a bha ri breabadaireachd leis nach robh aca ri sguir a dh'obair airson a dhol dhan bhanca pìos air falbh ann an Steòrnabhagh.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 7, Dealbh dubh is geal de bhana Banca Rìoghail na h-Alba air rathad teàrr. Tha triùir fhear nan seasamh taobh a-muigh a' charbaid. Air a' chùlaibh tha fear a' cur sìl arbhair ann am pàirce le dà each,

Choinnich Àrd-oifigear Buidheann NatWest ri cuid den luchd-cleachdaidh air slighe a' bhana ann an Leòdhas is na Hearadh an t-seachdain seo.

Thuirt Paul Thwaite: "Tha an t-seirbheis seo fhathast cho riatanach 's a bha i bho chionn 80 bliadhna agus bha e fìor mhath a bhith a' muigh air an t-slighe a dh'fhaicinn cho luachmhor 's a tha obair ar co-obraichean do luchd-cleachdaidh."

Am measg an fheadhainn ris an do bhruidhinn e bha Dòmhnall Moireasdan, a tha na iasgair sna Hearadh, a tha ag ràdh gur e "seirbheis riatanach a th' ann".

Thuirt e: "Bhàsaich mo bhean an-uiridh agus 's i a rinn a h-uile càil. Cha robh mi a-riamh faisg air banca gus a b' fheudar dhomh. Chuidich na daoine seo mi gus a h-uile càil a chur air dòigh agus chan eil faclan ann airson cho feumail agus a tha e."

Àrd-oifigear Banca Rìoghail na h-Alba a' dol a-steach a bhana a' bhanca. Fear le lèine ghoirm agus briogais dhorcha a' dol a-steach a bhana ghorm. Sgrìobhte air cùl a' charbaid tha Royal Bank of Scotland, Bringing banking to you. Tùs an deilbh, BANCA RÌOGHAIL NA H-ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Àrd-oifigear NatWest cothrom obair na seirbheis-siubhail fhaicinn an t-seachdain seo

An-diugh tha còrr is 21 bhana aig an t-seirbheis, ochd dhiubh sin air a' Ghàidhealtachd agus sna h-eileanan.

Ann an 2025, chleachd faisg air 70,000 duine an t-seirbheis air feadh Alba.

Dh'ainmich Mgr Thwaite gum biodh iad a' leudachadh na seirbheis sa Ghearasdan, Steòrnabhagh, an t-Eilean Sgitheanach, Caol Loch Aillse agus ann an Lannraig.

Gheibh sibh fiosrachadh a bharrachd mu eachdraidh nan seirbheisean-siubhail air làrach-lìn Hub Dualchais NatWest. , taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo