Banca Bharraigh ga ghlèidheadh

  • Air fhoillseachadh
RBS, Bàgh a' ChaisteilTùs an deilbh, Google

Cha tèid Banca Rìoghail na h-Alba ann am Bàgh a' Chaisteil a dhùnadh.

Tha am banca ga ghlèidheadh còmhla ri meur Bhiggar ann an Siorrachd Lannraig a Deas.

Sin a dhà a-mach à deich a bha RBS air comharrachadh arison dùnadh.

Dùinidh meuran ann an Comraich Pheairt, A' Mhanachainn, Dùghlas, Gretna, Inbhir Aora, Caol Loch Aillse, Tunga agus Mealrois.

"Chaidh an dà mheur seo a thaghadh o chionn, ao-coltach ris na meuran eile, 's iad cha mhòr uile am banca mu dheireadh sa bhaile, agus nas motha na naoi mìle bhon mheur eile RBS as fhaisge," thuirt Sìm MacBhatair, aig RBS.

Thuirt e gun do ghabh RBS ri molaidhean an ath-sgrùdaidh a rinn a' chompanaidh Johnston Carmichael gu lèir.

"Tha fhios againn gu bheil meuran cudromach do mhòran choimhearsnachdan, ach aig a' cheart àm tha fhios againn gu bheil nas lugha 's nas lugha de dhaoine gan cleachdadh, agus barrachd dhaoine ri bancaireachd air-loidhne," thuirt e.

"A h-uile turas a dhùineas meur, tha sinn a' cur romhainn an taghadh as fheàrr de roghainnean bancaidh eile a chur mu choinneimh na coimhearsnachd, motor-mheuran, bancadh ann an Oifis a' Phuist, bancairean coimhearsnachd agus bancaireachd air a' fòn nam measg."

Thuirt RBS nach coimhead iad a-rithist ris na th' aca de mheuran gu co-dhiù 2020.