Aonta 'son campa luchd-obrach air an Longman

- Air fhoillseachadh
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd agus a' chompanaidh chumhachd SSEN Transmission an ainmean ri aonta airson campa luchd-obrach a stèidheachadh air làrach air an Longman ann an Inbhir Nis.
Thèid an làrach, far an robh seann Cholaiste Inbhir Nis, a chleachdadh airson àitichean-fuirich a thoirt do luchd-obrach a bhios ag ùrachadh loidhne-dealain.
Thèid an làrach an uair sin a thoirt air ais don chomhairle, a tha an dùil taigheadas agus leasachaidhean coimeirsealta a chur air san ùine fhada.
Mar phàirt den aonta, tha SSEN a' toirt còrr air £2.7m don chomhairle.
Tha planaichean air a bhith ann airson grunn làraichean air Ghàidhealtachd agus feum air luchd-obrach airson phròiseactan mòra ath-nuadhachail sna bliadhnaichean a tha romhainn.
Tha cuid dhiubh air a bhith connspaideach agus dragh ann mun bhuaidh a bheireadh iad air coimhearsnachdan ionadail.
Campaichean luchd-obrach gan deasbad aig Holyrood
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2025
Tha SSEN ag ullachadh sreath de sgeamaichean mòra air Ghàidhealtachd airson loidhnichean dealain air feadh na sgìre a leasachadh ro 2030.
Nam measg sin, tha loidhne eadar a' Mhanachainn agus Ceann Phàdraig.
A rèir phlanaichean a chaidh a nochdadh roimhe airson a' champa, bhiodh dà thogalach air an làraich, le rùm gu leòr airson 200 leabaidh, agus talamh cruaidh airson 60 carbhan.
Bhiodh cuideachd togalach ann sam biodh àite-suidhe, àite-bìdh agus goireasn nigheadaireachd.
Chaidh Colaiste Inbhir Nis, a bh' air an làraich roimhe, a leagail ann an 2019 an dèidh mar a ghluais e gu Campas Inbhir Nis.