A' Chòisir Chuèir: "'S e coimhearsnachd an rud as cudromaiche"

'S i Josie NicDhonnchaidh stiùiriche na còisir
- Air fhoillseachadh
Tha còisir Ghàidhlig ùr ann an Glaschu ag amas air luchd-ionnsachaidh agus fileantaich bhon choimhearsnachd LGDT a thoirt còmhla airson òrain Ghàidhlig a sheinn.
Chaidh sanas a sgaoileadh airson Còisir Cuèir, mar a th' aca orra fhèin, aig toiseach na bliadhna agus cha robh e fada mus robh a' chòisir làn, le 40 ball.
Tha a-nis timcheall air 40 neach eile air an liosta feitheimh.
Bha a' chòisir air an àrd-ùrlair airson a' chiad uair riamh oidhche Dhiardaoin aig tachartas GUIR.
'S i an seinneadair Josie NicDhonnchaidh a th' aig an stiùir.
"Cha do rinn sinn auditions no rud sam bith mar sin," thuirt i.
"Tha e doirbh a chreidsinn cho binn 's a tha a h-uile duine.
"Tha sinn gu math fortanach. Ach 's e coimhearsnachd an rud as cudromaiche an àite a bhith cho glan 's a ghabhas."
Tha measgachadh de dh'fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh anns a' chòisir.

Tha Robbie Macleòid na bhall den chòisir
Tha Robbie Macleòid nam measg agus tha e a' còrdadh glan ris a bhith a' coinneachadh ri diofar Ghàidheal air nach do thachair e roimhe.
Ged a tha esan cuideachd na bhall de chòisirean Gàidhlig eile, tha e a' faicinn sgarradh eadar iad agus a' chòisir ùr, leis nach eil Còisir Cuèir ag amas air farpais aig a' Mhòd.
The a cuideachd den bheachd gu bheil a' chòisir seo air leth cudromach dhan choimhearsanchd LGDT.
"Gu h-àraid san là an-diugh," thuirt e, "tha sinn a' faicinn air feadh na Rìoghachd Aonaichte, bacaidhean gan cur air beulaibh dhaoine cuèir.
"Tha e cho feumail gu bheil àite againn airson a thighinn còmhla.
Tha Còisir Cuèir a' faighinn taic bho Ghlaschu Beò, a tha a' moladh seinn ann an còisir mar deagh dhòigh air Gàidhlig ionnsachadh.
Thathas cuideachd daonnan a' coimhead airson phròiseactan eadar-dhealaichte ris an cuir iad taic, a rèir Oifigear Ealain Gàidhlig na buidhne, Rona Dhòmhnallach.

Rona Dhòmhnallach - Oifigear Ealain Gàidhlig, Glaschu Beò
"Chan eil sinn ag iarraidh gum bi duine sam bith air an oir," thuirt Rona.
"Thàinig Josie NicDhonnchaidh thugainn leis a' bheachd agus 's e beachd làidir, làidir a bh' ann.
"Bha sinn ann an suidheachadh far am b' urrainn dhuinn taic a chur ris agus tha an taic sin a' dol a leantainn."
Tha Còisir Cuèir a' coimhead air adhart ri bliadhna thrang - le fiachaidhean aca airson leithid Geamaichean a' Cho-fhlaitheis, Seachdain Pròis agus am Mòd Nàiseanta - ged nach bi iad a' farpais.
Ach ge b' i dè cho trang 's a bhios iad - chan atharraich prìomhachas na buidhne - sin àrainneachd a tha iad a' cruthachadh do dhaoine LGDT.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil coimhearsnachd cudromach dhan a h-uile duine," thuirt Josie.
"Ach gu h-àraid nuair a tha dà rud ann a tha a' faireachdainn gu math eadar-dhealaichte, mar eiseimpleir a bhith nad Ghàidheal agus a bhith ann an coimhearsnachd LGBTQI+.
"Ach tha sinn an-còmhaidh air a bhith ann, tha sinn fhathast an seo agus a-nis tha sinn a' seinn còmhla agus tha sin sgoinneil."