Fianais ùr mu bhàs còrr is 50 muc-mhara a thàinig air tìr an Leòdhas

Bhàsaich 54 de na mucan-mara ceannmhor fad-iteach air an Tràigh Mhòr
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh atharrachadh sna grunndan beathachaidh aca mucan-mara ceannmhor fad-iteach fhàgail ann am barrachd cunnairt gun tig iad air tìr, a rèir rannsachaidh ùir.
Rinn luchd-saidheans bho Sgeama Tràghaidh Chreutairean Mara na h-Alba aig Oilthigh Ghlaschu sgrùdadh an dèidh do 55 de na creatairean-mara tighinn air tìr air an Tràigh Mhòir air taobh sear Leòdhais san Iuchar 2023.
B' e seo an àireamh a bu mhotha de mhucan-mara a rinn seo an cuimhne dhaoine an Alba.
Às na 55 muc-mhara, chaidh aig luchd-cobhair air tè dhiubh a chur air ais gu muir ach chaochail an còrr.
Fhuair aithisg Roinn na Mara aig Riaghaltas na h-Alba sa Mhàrt gur e as coltaiche a thachair gun deach na beathaichean sòisealta a-steach do dh'uisgeachan eu-domhain còmhla ri muc-mhara bhoireann agus i a' dol tro bhreith dhuilich.
Tha an rannsachadh as ùire seo a' toirt seachad fianais a bharrachd mu dhol a-mach nam mucan-mara mus do thachair seo.

Fhuair rannsachadh bàis orra gun robh iad ann an slàinte mhath, ach nach robh càil nan stamagan aig àm am bàis.
Rinn an luchd-saidheans deuchainnean air stuth ceimigeach air a ghlèidheadh an craiceann nam beathaichean airson innse dhaibh càite an robh iad a' faighinn bìdh sna seachdainean mus deach an tràghadh.
Sheall an dàta isotopic gun robh iad air a bhith ag ithe ann an uisgeachan nas doimhne far a bheil iasg agus gibeanaich gu leòr as t-earrach agus tràth as t-samhradh.
Tha an sgioba rannsachaidh den bheachd gur dòcha gu bheil cho faisg 's a tha na grunndan-beathachaidh seo air uisgeachan a tha a' sìor fhàs nas eu-doimhne a dh'fhàg gun robh na mucan-mara am barrachd cunnairt gun tigeadh iad air tìr.
Bhàsaich 54 muc-mhara air tràigh ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar 2023
Muc-mhara eile air tighinn air tìr an Leòdhas
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar 2023
Cluinnear tric mu ìre na mara a tha ag èirigh air sgàth blathachadh na cruinne ach faodaidh uisgeachan doimhneachd a chall cuideachd leis gum bi eabar bho chladaichean reòta a tha a' leaghadh a' laighe air grunnd na mara.
Thuirt Anna Kebke, rannsaiche PHD aig Oilthigh Ghlaschu agus prìomh ùghdar an sgrùdaidh: "A bhith a' tuigsinn mar a tha atharrachadh àrainneachdail a' toirt buaidh air mar a bhios na beathaichean seo a' biathachadh a' leigeil leinn measadh a dhèanamh air buaidh mac an duine air a' ghnè, agus tha e deatamach a thaobh ro-innleachdan glèidhteachais a leasachadh."