Trioblaid a bharrachd leis an Hebrides

- Air fhoillseachadh
Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air dearbhadh gu bheil dàil eile air an MV Hebrides mus till i gu seirbheis.
Tha i air a bhith a' falbh o sheirbheisean Ùige, an Tairbeart is Loch nam Madadh a' faighinn a h-obrach-càraidh bliadhnail.
An dèidh trioblaid le bogsa nan gèaraichean aice a chàradh ann an Lìte, sheòl i às an doc ann an sin Là na Sàbaid.
Ach chaidh an uairsin aodion fhaighinn ann an innleachd an rampa toisich aice, 's chaidh a toirt a dh'Obar Dheathain airson sin a chàradh.
Chaidh mothachadh an uairsin dha trioblaid le prìomh einnsean an t-soithich agus aodion eile air deic a' mhezzanine.
Feumaidh gach rud a tha sin a bhith air a chàradh mus till i, ged a thuirt CalMac nach eil e soilleir aig an ìre seo dè cho fada 's a bheir e a càradh.
Thuirt iad gun lean am plana a chuir iad an sàs fhad 's a bha Hebrides air falbh ann an àite gu Dihaoine.
Thuirt CalMac gun deadh tuilleadh fiosrachaidh a chumail ri daoine nas fhaide san t-seachdain.
Tha an MV Clansman air a bhith frithealadh air an t-seirbheis fhad 's a tha an Hebrides air a bhith san doc ach tha muinntir Cholla is Thioradh fiadhaich mun t-suidheachadh sin agus an soitheach àbhaisteach acasan air falbh nas fhaide na bha dùil.
Thog na comhairlean coimhearsnachd an sin dragh mun t-suidheachadh agus eileanaich a call a-mach air stuthan riatanach.
Dh'iarr iad gun tilleadh an Clasman anns an spot agus iad a' cumail a-mach nach eil an MV Lord of the Isles agus an MV Isle of Mull freagarrach airson nan uisgeachan mu thimcheall air Colla is Tiriodh.
Tha dìth chriutha a' fàgail gun deach seirbheis eile aig CalMac a chur dheth Diciadain.
Cha robh an Loch Bhrusda a' seòladh eadar an t-Òb agus Beàrnaraigh ged a chaidh soitheach a chur air dòigh do luchd-siubhail air chois.
Cha mhotha a bhios am bàta-aiseig chàraichean ann an seirbheis Diaordaoin ach, a-rithist bidh seirbheis le soitheach do luchd-coise a-mhàin.
Gheibhear fiosrachadh mun t-seirbheis sin agus na seòlaidhean an seo, taobh a-muigh.
Thuirt CalMac gu bheil dùil gum bi an Loch Bhrusda air ais ann an seirbheis Dihaoine.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Giblean

- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean

- Air fhoillseachadh20 An Giblean
