"Tha sinn ag iarraidh a' Chlansman air ais sa bhad"

Chaidh an Clansman a thoirt air falbh bho sheirbheisean Cholla is Thiriodh o chionn trì mìosan
- Air fhoillseachadh
Tha fearg a' sìor fhàs ann an Colla is Tiriodh ri linn nan duilgheadasan le seirbheis ChalMac air an t-slighe às an Òban.
Bho chaidh am bàta àbhaisteach, an Clansman, a thoirt far na slighe bho chionn trì mìosan, tha grunn sheòlaidhean air an cur dheth, a' cur bacadh air bathair riatanach na h-eileanan a ruighinn.
Chaidh seirbheis a chur dheth Dimàirt ri linn 's nach fhaodadh an criutha an còrr uairean obrachadh.
An uair sin, Diciadain, cha deach aig làraidh a bha a' giùlain stuthan bìdh riatanach air faighinn air an aiseag leis nach robh rùm ann dhi.
Tha coimhearsnachdan nan eilean ag ràdh gu bheil foighidinn air ruith a-mach.
"Chaidh bàta Dimàirt, air seòladh stèidhichte a rèir a' chlàr-ama, a chur dheth ri linn 's nach robh an còrr uairean-obrach ceadaichte aig a' chriutha," thuirt Iain MacAsgaill aig Fòram Còmhdhail Thiriodh.
"Cha b' e an aimsir. Cha b' e adhbhar teicnigeach - 's e nach fhaodadh an criutha an clàr-ama foillsichte aca fhèin obrachadh.
"An uair sin bha aca ri glacadh suas, agus chuir iad am bathair riatanach againn far an t-soithich.

Tha leisg air muinntir Cholla an t-eilean fhàgail le suidheachadh an aiseig, a rèir Kirsty NicPhàrlain
"Tha mise a-niste den bheachd gu bheil CalMac air rian a chall air seirbheisean riatanach do dh'eileanan beaga cugallach leithid Cholla is Thiriodh."
Tha an aon ghearan aig muinntir Cholla, a th' air am frithealadh - còmhla ri Colbhasa an-dràsta - leis an aon sheirbheis, agus an gearan air fàs thar ùine.
"Caillidh sinn an Clansman a h-uile bliadhna. Tha i a' falbh airson doca-thioraim, an obair-càraidh aice fhèin 's an uair sin tha i a' dol suas a dh'Ùige," thuirt Cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Cholla, Ciorstaidh NicPhàrlain.
"Tha an ùine sin nuair a bhios sinn às a h-aonais a' fàs nas fhaide 's nas fhaide a h-uile bliadhna agus tha an t-seirbheis a' fàs nas miosa.
"Tha sinn air a bhith às aonais a' Chlansman a-niste trì mìosan."
Iomairt mu aiseag Cholla
- Air fhoillseachadh15 An Gearran 2022
Staid nan aiseagan: "Duilgheadas a bh' ann agus cha do dh'èist iad"
- Air fhoillseachadh14 An Giblean
CalMac: "Tha cha mhòr an treas cuid den chabhlach air fad againn a-mach à seirbheis"
- Air fhoillseachadh7 An Giblean
Bho dh'fhalbh an Clansman tha CalMac air an MV Lord of the Isles agus an MV Isle of Mull a chur na h-àite air seirbheisean Cholla is Thiriodh.
Thuirt Ms NicPhàrlain, ged a tha na soithichean sin math, nach eil iad freagarrach airson nan uisgeachan mu Cholla is Thiriodh.
"Chan eil duine an Colla airson an dachaigh fhàgail air eagal 's gum bi iad stucte thall san Òban," thuirt Ms NicPhàrlain.
"Chan eil duine airson gluasad a Cholla - luchd-turais no luchd-obrach - agus tha sinn a' faicinn am-bliadhna gu h-àraid gu bheil an t-àite cho sàmhach. Chan eil duine mun cuairt."

Tha Colla, Tiriodh agus Colbhasa air am fithealadh leis an aon sheirbheis an-dràsta
Thuirt Ms NicPhàrlain gu bheil faireachdainn sa choimhearsnachd a-niste air atharrachadh.
"Tha daoine airson 's gum faigh sinn an Clansman air ais sa bhad," thuirt i.
"Mura till i Diluain mar a tha còir dhi a bhith, tha sinn a' dol a chur an iarrtais sin a-staigh agus gearan na chois.
"Tha sinn dìreach seachd-searbh sgìth den t-suidheachadh a tha seo.
"Tha i math, tha i freagarrach don àite, agus 's i an aon soitheach a bheireas dhuinn an clàr-ama stèidhichte, cinnteach."
Thuirt tè-labhairt ChalMac gun do dh'fhuiling an t-seirbheis aca briseadh nach fhacas a-riamh anns na seachdainnean a dh'fhalbh, le suas ri deich bàtaichean a-mach à seirbheis aig an aon àm.
Thuirt i gu bheil seo a' cur bacadh orra ann a bhith a' frithealadh choimhearsnachdan mar a bu chòir, agus gu bheil iad uabhasach duilich mun sin.