
Thòisich iomairt ann an Eilean Cholla 'son seirbheisean aiseig nas fheàrr.
An dèidh coinneimh den chomhairle choimhearsnachd Dihaoine seo chaidh, chuir muinntir an eilein buidheann ùr air bhonn agus iad den bheachd nach eil iad a' faighinn èisteachd.
'S i Curstaidh NicPhàrlain a tha na cathraiche air a' bhuidinn-iomairt, agus i cuideachd a' riochdachadh Cholla air Bòrd Coimhearsnachd Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.
"Chan eil mòran ghoireasan againn an Colla, sin cnag na cùise," thuirt i.
Planaichean
"Chan eil againn ach coimhearsnachd ghlè bheag an seo, chan eil mòran ghoireasan, chan eil mòran seirbheisean air an eilean idir idir.
"Chan fhaigh thu gearradh gruaige, chan eil garaids ann, chan eil eadhon eaglais againn a-niste 's chan eil ach bùth bheag bhìdeach.
"So tha sinn a' crochadh gu mòr gu mòr air na ceanglaichean a th' againn le tìr-mòr.
"Agus nuair a tha thu a' sealltainn air a' chlàr-ama a h-uile bliadhna tha thu a' dèanamh suas nam planaichean agad fhèin.
"Ceart, tha mi a' falbh an siud 's an seo airson seirbheis fhiaclaireachd, mar eisimpleir, no dhan bhùth mhòir, no tha mi a' falbh gu fear-lagha no tha mi a' falbh chun a' bhanca.
"Feumaidh tu tìr-mòr a ruighinn airson nan rudan sin air fad fhaighinn.
"Agus tha thu a' dèanamh suas nam planaichean agad agus aig deireadh an là cho tric tha na planaichean a tha siud a' tuiteam às a chèile air sgàth na sìde, air sgàth soitheach a' briseadh sìos no atharrachadh air choireigin air a' chlàr-ama.
"Feumaidh sinn an Colla rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn seo.
"A' chiad cheum 's e dìreach a bhith a' sealltainn gu bheil sinn ann an seo agus gu bheil sinn air buidheann a-niste a chur air dòigh gus beachdan nan eileanach a chur an cèill fada nas fheàrr.
Bhon Mhullach
"Chan urrainn sinn CalMac a choireachadh.
"Leis a' chùmhnant a th' aca on Riaghaltas, feumaidh iad na soithichean a chleachdadh a tha CMAL a' toirt dhaibh.
"Chan eil dòigh ann dhaibh mar eisimpleir soitheach ùr a cheannach no soitheach ùr a chur air dòigh dhuinn.
"Tha na làmhan aca, mar gum biodh, air an ceangal suas, agus tha na soithichean, mar a tha fhios againn, uile a' fàs sean, agus tha iad a' briseadh sìos eadhon goirid an dèidh dhaibh tighinn a-mach à doca tioram.
"Cuideachd tha an t-sìde air a bhith dona, ach tha i daonnan dona aig an àm seo den bhliadhna.
"Ach feumaidh an gluasad tighinn on mhullach - on Riaghaltas, o Chòmhdhail Alba agus o CMAL.
"Chan eil sinn idir a' coireachadh ChalMac.
"O là gu là, tha iad a' dèanamh rudan nach eil a' còrdadh rinn ceart gu leòr, ach aig deireadh an là 's e an Riaghaltas fhèin a tha os cionn chùisean.
"Feumaidh sinn gluasad agus atharrachadh fhaicinn.
Tuigse
"'S e briseadh dùil mòr, mòr dhomh fhìn a th' ann, agus chan eil mi a' tuigsinn carson nach eil sinn a' cluinntinn o na buill a th' againn anns a' Phàrlamaid - Pàrlamaid na h-Alba agus ann an Westminster.
"Tha iad uile anns a' Phàrtaidh Nàiseanta, agus 's e an Riaghaltas aca fhèin a tha againn ann an Dùn Èideann.
"Chan eil mi a' cluinntinn bìg bhuapasan, agus chan eil mi a' tuigsinn carson, oir tha còir acasan bruidhinn a-mach às ar leth.
"Tha mi a' smaointinn gum bi sinn a-niste a' gabhail pàirt ceart is dòigheil anns an deasbad, agus gum bi ar guth còmhla ri guthan nan eilean eile.
"Agus ann a bhith a' dèanamh cinnteach gun tachair sin bidh tuigse nas fheàrr aig an fheadhainn a tha a' ruith na seirbheis, agus aig an fheadhainn a tha a' gabhail cheumannan airson an t-seirbheis a dhèanamh nas fheàrr, bidh tuigse nas fheàrr acasan air na feumalachdan againn fhìn."