Campa luchd-obrach air an Longman?

Chaidh seann Cholaiste Inbhir Nis a leagail ann an 2019 nuair a ghluais i gu Campas Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh gun tèid campa a stèidheachadh an raon gnìomhachais an Longman ann an Inbhir Nis le àitichean-fuirich don luchd-obrach a bhios a dhìth airson pròiseact SSEN luach £20bn gus lìonra an dealain ùrachadh.
Tha Balfour Beatty, a fhuair an cùmhnant, airson am baile a bhios ann rè ùine a thogail air seann làrach Colaiste Inbhir Nis an cois an A82.
Tha a' chompanaidh chumhachd SSEN ag ullachadh sreath sgeamaichean mòra airson na loidhnichean dealain air feadh cheann a tuath na h-Alba a leasachadh mar phàirt den phrògram Slighe gu 2030 aca.
Nam measg, bidh an loidhne eadar a' Mhanachainn agus Ceann Phàdraig ann an Siorrachd Obair Dheathain.
Bhiodh dà thogalach anns a' champa, sam biodh rùm gu leòr airson 200 leabaidh agus bhiodh talamh cruaidh ann airson 60 carabhan.
Bhiodh cuideachd togalach ann sam biodh àite-suidhe, àite-bìdh agus ionad-nigheadaireachd.
B' àbhaist do Cholaiste Inbhir Nis a bhith air an làraich ach chaidh sin a leagail ann an 2019 an dèidh mar a ghluais e gu Campas Inbhir Nis.
Dh'fhaodadh gum bi am campa ann airson sia bliadhna.