Peter May, 1951 - 2026

- Air fhoillseachadh
Tha luaidh ga dhèanamh air an ùghdar Albannach Peter May, a th' air bàsachadh aig aois 74.
B' esan a sgrìobh na leabhraichean The Blackhouse, The Lewisman agus The Chessmen, a tha stèidhichte ann an Leòdhas.
Bhàsaich e oidhche Haoine aig a dhachaigh an ceann a deas na Frainge.
Rugadh Peter May an Glaschu ann an 1951, agus chuir e roimhe a dhol na sgrìobhadair nobhailean, a' faighinn obair an toiseach na fhear-naidheachd mar dhòigh air a bheòshlàint a dhèanamh tro sgrìobhadh.
Bhuannaich e duais Neach-naidheachd Òg na Bliadhna nuair a bha e 21.
Chaidh a' chiad leabhar aige, The Reporter, fhoillseachadh nuair a bha e 26, agus chaidh a dhèanamh na shreath telebhisein air an robh The Standard, ann an 1978 - rud a thug air obair-naidheachd a chur bhuaithe agus tòiseachadh air sgrìobhadh làn-ùine airson telebhisein.
Duais sgrìobhaidh ùr aig UHI
- Air fhoillseachadh22 An t-Ògmhios 2021
Am measg a cuid obrach san raon sin, 's ann aige fhèin agus a bhean Janice an toiseach a bha am beachd a' chiad shiaban sa Ghàidhlig, Machair, a chruthachadh.
Bha e cuideachd ag obair air an t-sreath Albannach shoirbheachail sa Bheurla, Take the High Road.
Sguir e de dh'obair thelebhisein ann an 1996, a' dol na sgrìobhadair nobhailean làn-ùine.
Am measg na rinn luaidh air, bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, a thuirt air X: "Glè dhuilich an naidheachd seo a chluinntinn. Chòrd na leabhraichean drùidhteach aig Peter May a bha stèidhichte sna h-eileanan rium gu mòr. Bha am mìneachadh aige air tachartasan ann an cuid de na h-àitichean as prìseile sa chruth-tìre againn iongantach. Mo cho-fhaireachdainn dha theaghlach."
Rinn Derek Pluto Moireach cuideachd luaidh air: "Duine uasal a bha do-chreidsinneach fiadhlaidh, tàlantach, a thug misneachd dha mòran againn an rud a bu mhiann leinn a dhèanamh. 'S dòcha gur e Deasaiche Sgriobt agus an uair sin Riochdaire air 'Machair' ach an toiseach b' e caraid a bh' ann."

Bha e air fear de na h-ùghdaran ficsean eucoir as motha air an robh fèill san t-saoghal, le mu 15m leth-bhreac de na leabhraichean aige gan reic.
Chuir e eòlas air na h-Eileanan Siar fhad 's a bha e ag obair air Machair, agus chuir na h-eileanan gu mòr ris an sgrìobhadh aige.
Chaidh The Blackhouse fhoillseachadh an toiseach mar eadar-theangachadh anns an Fhraing, far an d' fhuair e àrd-mholadh, an dèidh do dh'fhoillsichearan ann am Breatainn a dhiùltadh.
Bhiodh e cuideachd a' sgrìobhadh leabhraichean eucoir stèidhichte ann an Sìona, a' dèanamh mion-rannsachaidh air dòighean forensic nam poileas san dùthaich sin.
Bha uiread de spèis aig Comann Sgrìobhadairean Eucoir Shìona 's gun do rinn iad ball urramach de Mheur Beijing a' chomainn dheth.
Tha e a' fàgail a bhean, Janice, agus nighean.