Piseag liopard-sneachda ga chur sìos

Rugadh an càraid phiseagan sa Chèitean, a' chiad àl den ghnè a rugadh aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd ann an ceithir bliadhna.
- Air fhoillseachadh
B' fheudar fear de dhà phiseag thearc liopard-sneachda a rugadh aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd a chur sìos an dèidh mar a fhuaireas gun robh trioblaid nach gabhadh a leigheas na chnàmhan.
Rugadh càraid phiseagan sa Chèitean don liopard Pari agus a cèile Koshi.
B' e a' chiad àl a bh' aig Pari, agus a' chiad àl a rugadh ann an ceithir bliadhna aig a' phàirce ann an Ceann na Creige, a th' air a ruith le Comann Rìoghail Sù-eòlasach na h-Alba (CRSA).
Chunnaic maoir na pàirce gun robh a' phiseag fhireann, air an robh Indra, crùbach, agus fhuair rannsachadh mòr meadaigeach gun robh an trioblaid air.
Thuirt a' phàirce gun robh "buaidh nach beag" air a bhith aig an trioblaid air beatha Indra.
Piseagan liopardan-sneachda nan glòraidh san t-sneachd
- Air fhoillseachadh24 An Gearran 2020
Tha dùil gum fuirich a phiuthair, Tama, còmhla ri a màthair suas ri dà bhliadhna mus tèid a gluasad gu crò eile.
"An dèidh beachdachadh gu cùramach, rinneadh an co-dhùnadh doirbh Indra a chur na chadal," thuirt an CRSA.
"Rugadh Indra còmhla ri a phiuthair Tama aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd sa Chèitean. B' e adhbhar tlachd dha-rìribh a bh' ann a bhith ga fhaicinn a' fàs suas, agus bidh ionndrainn mòr air."
Tha liopardan-sneachda dùthchasach do bheanntan àrda, garbh meadhan agus ceann a deas Àisia, ach tha iad ann an cunnart le call na h-àrainneachd aca, poidseadh agus gainne bìdh.