Piseagan liopardan-sneachda nan glòraidh san t-sneachd

  • Air fhoillseachadh
Liopard-sneachdaTùs an deilbh, RZSS/Alyson Houston

Tha an t-side gheamhrachail air a bhith a' còrdadh gu mòr ri na piseagan liopardan-sneachda aig Pàirc Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd.

Rugadh Leannain agus Stardust bho chionn seachd mìosan aig làrach Comann Ainmh-eòlach Bhreatainn ann am Pàirc a' Mhonaidh Ruaidh.

Tha luchd-obrach ag ràdh gu bheil na piseagan a' cur seachad barrachd ùine a' cluich agus a' rannsachadh na h-àrainneachd aca mar as sine agus as misneachail a tha iad a' fàs.

Tha liopardan-sneachda dùthchasach do na beanntan iomallach ann am meadhan Àsia - eadar Mongola, na Himalayas agus ceann a tuath Shìona.

Liopard-sneachdaTùs an deilbh, RZSS/Alyson Houston

'S dual dha na beathaichean a bhith a' briodadh bhon Fhaoilleach gu meadhan a' Mhàirt.

Mar as àbhaist bidh suas ri trì piseagan aig an liopard boireann le spotan dubha orra agus thig iad gu ìre aig aois dà bhliadhna nuair a dh'fhàgas iad am màthair.

Bha trì piseagan ann an àl Animesh, an liopard boireann, ach b' fheudar fear aca a spadadh leis gu robh an tinneas sùla piantail, coloboma, air.

Tha athair nam piseagan, Chan, agus Animesh mar phàirt de phrògram briodaidh Eòrpach a tha ag amas air na beathaichean seo a ghlèidheadh.

Thathar a' tomhas nach eil ach mu 2,700 dhiubh air fhàgail sna sgìrean tradaiseanta aca agus tha a' ghnè ann an cunnart a' dol à bith.

'S iad na cunnartan as motha romhpa gu bheil àireamh nam beathaichean a bhios iad fhèin ag ithe a' crìonadh, daoine a tha a' dìon sprèidh agus iarrtas a tha a' sìor fhàs airson cnàmhan nan liopardan airson cungaidhean-leigheis tradiseanta Àsianach.