Naidheachdan 11:00m
RAF Fairford
Tha Rùnaire an Dìon, Wes Streeting, ag ràdh gu bheil dìon làidir air ionadan armaichte na Rìoghachd Aonaichte às dèidh mar a chuireadh còignear an grèim faisg air RAF Fairford ann an Gloucestershire fo amharas a bhith an sàs ann an eucoirean ceannairc agus le stuth spreadhaidh. Chaidh aithris gur e tuathanach bhon sgìre a chuir fios dha na Poilis anns a' chùis an toiseach. Tha RAF Fairford ga chleachdadh le feachd adhair nan Stàitean Aonaichte, 's tha feadhainn air amharas a thogail gun robh ceangal aig Iran ris na thachair. Dhiùlt Mgr Streeting càil a ràdh mun sin an-diugh.
Faslann
Tha dùil ri obair leasachaidh luach nam billeanan notaichean aig ionad a' Chabhlaich Rìoghail aig Faslann, taobh Abhainn Chluaidh. Ri linn phlanaichean a thig bhon t-Seansalair an-diugh. Bidh John Healey a' bruidhinn ri co-labhairt nan Làbarach 's e a' gealltainn "linn ùr ghnìomhachais" leis an amas spionnadh a thoirt dhan eaconomaidh.
Caolas Shasainn
Tha triùir air bàsachadh, pàiste agus dithis bhoireannach 's iad a' feuchainn ri dhol thairis air Caolas Shasainn a rèir nan ùghdarrasan anns an Fhraing. Thuirt iad gun robh pàiste aois 10 bliadhna agus dithis bhoireannach aois 30 am measg còrr is 100 duine a fhuaireadh 's am bàta anns an robh iad air a dhol ann an èiginn far chosta a tuath na Frainge, deas air Calais.
Màl Goirid
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air gabhail ri planaichean airson sgìrean smachdachaidh a stèidheachadh airson dachaighean a bhiodh ri fhaotainn air màl ghoirid ann an cuid de sgìrean. Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd a-nis na molaidhean air adhart dha ministearan na h-Alba airson cead. Bhathas a' toirt sùil air molaidhean airson sgìre Inbhir Nis fhèin, agus sgìrean air an tuath mu thimcheall Inbhir Nis agus ann an Loch Abar, Loch Aillse 's an t-Eilean Sgitheanach, taobh siar Rois agus Cataibh am measg eile. Ged a tha luchd-gnothaich air a bhith a' putadh an aghaidh nam planaichean chuala comhairlichean gun robh mòr-chuid den mhòr-shluagh a' cur taice riutha.
Prìsean Diesel
Tha a' bhuidheann dràibhidh an RAC ag ràdh gu bheil prìsean diesel air a dhol chun na h-ìre as àirde riamh anns an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt iad an-diugh gun robh e a-nis seachad air 199sg san liotair san fharsainneachd. Tha sin suas 59sg, mu 40%, bho thòisich an cogadh aig na Stàitean Aonaichte an aghaidh Iran. Tha peatrol suas gu mòr cuideachd ged nach eil sin fhathast faisg air an ìre aig an robh e ann an 2022 nuair a bha cogadh na Ruis anns an Ucràin air tòiseachadh.
NHS Roinn a' Mhonaidh
Tha NHS Roinn a' Mhonaidh ag ràdh gu bheil piseach air tighinn air cùisean às dèidh dhaibh cùis èiginn a ghairm aig roinnean èiginn Ospadal Rìoghail Obar Dheathain agus Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn Disathairne. Thuirt iad gun robh iad fo uallach mhòr leis an iarrtas a bha a' tighinn orra. Thuirt am bòrd slàinte nach robh aca ge-tà, ri ambaileansan a chur gu sgìrean eile ri linn na bha a' tachairt.