Ath-thagradh ga dhiùltadh do dh'èigniche Ghàidhealach

Dàibhidh Brown
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Dàibhidh Brown a dhìteadh anns a' Chèitean

  • Air fhoillseachadh

Chaidh ath-thagradh a dhiùltadh do dhràibhear tacsaidh air Ghàidhealtachd a bha a' cur an aghaidh a dhìteadh airson boireannach òg èigneachadh agus a' bhinn a chaidh a chur air.

Chaidh beagan gann air seachd bliadhna prìosain air Dàibhidh Brown sa Chèitean airson na h-ionnsaigh a thachair san Dùbhlachd 2023.

Thog e am boireannach, a bh' air a bhith air oidhche a-muigh ann an Inbhir Nis, agus dhràibh e seachad air far an do dh'iarr i air a leigeil às, mus tug e ionnsaigh oirre ann an camas-parcaidh.

Na bu thràithe den mhìos seo, bhòt comhairlichean gu làidir airson cion-earbsa a nochdadh ann an còignear chomhairlichean a bh' air leigeil le Brown dà chead tacsaidh a ruith a chumail an dèidh a dhìteadh.

Thàinig e am bàrr san Iuchar gun robh dùil aig Brown ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh gach cuid a dhìteadh agus a bhinn.

An dèidh dha an deugaire èigneachadh, dh'fhàg Brown i a-muigh ann an aimsir fhuar ann an Inbhir Pheofharain.

A' cur binn air Brown aig an Àrd-Chùirt ann an Sruighea sa Chèitean, dh' innis am britheamh, am Morair Renucci, dha gun tug e air a' bhoireannach, a bha 18 aig an àm, uabhas fhulang.

An uair sin, anns an Ògmhios, bhòt sianar bhall fireann de chomataidh na ceadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd airson leigeil le Brown an dà chead tacsaidh aige a chumail.

Bhòt ceathrar bhall boireann an aghaidh sin.

Thug Brown na ceadan aige suas an dèidh buaireadh a lean an co-dhùnadh sin.

Chaidh bhòt cion-earbsa anns na buill Sean Ceanadach, Chris Birt, John Grafton, Ruraidh Stiùbhart, agus Donnchadh Mac a' Phearsain.

Mus deach a' bhòt a chumail, leig ceathrar de na comhairlichean an àite air comataidh na ceadachd seachad, a thuilleadh air Uilleam MacAoidh, a dh'fhàg a' chomhairle cuideachd.

Thèid fo-thaghadh a chumail anns an uàrd a bha e a' riochdachadh, Inbhir Ùige agus Gallaibh an Ear, Diardaoin.

Tha Chris Birt fhathast na bhall den chomataidh.

Tha e an urra ri buill iad fhèin co-dhiù leig iad dhiubh an dreuchdan mar chomhairlichean.