
Tha an sgrìobhadair ainmeal, Peadar May air £10,000 a thoirt do dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson oileanaich a bhrosnachadh ann a bhith sgrìobhadh ficsein.
Tha seo airson còmharrachadh gu bheil deich bliadhna ann bhon a chaidh an oilthigh a stèidheachadh.
Bidh £1,000 ga thoirt seachad gach bliadhna 'son an ath dheich bliadhna dha ge b'i cò a bhuannaicheas.
Am measg nan leabhraichean a sgrìobh Mgr May, tha trì leabhraichean ficsein eucorra a tha stèidhichte air Eilean Leòdhais.
'Lockdown'
Gu h-annasach, bha e dìreach air an leabhar aige 'Lockdown', a sgrìobh e ann an 2005, mu phandemic , fhoillseachadh beagan ùine mus do thòisich an Coròna-bhìoras a' sgapadh air feadh an t-saoghail aig deireadh 2019.
Chaidh dotaireachd urramach a bhuilleachadh air le UHI ann an 2019 airson a' chuid sgrìobhaidh 's e air iomadach duais a bhuannachadh air a shon.
Bidh e a' toirt òraid seachad aig an Oilthigh, fon tiotal 'Leader Perspectives' air an 30mh Ògmhìos far am bi e a' foillseachadh na duaise sgrìobhaidh ùire, agus a' bruidhinn air an nobhail 'Lockdown'.
Tha an duais ùr fosgailte do dh'oileanaich sam bith a tha a' dèanamh foghlaim aig àrd-ìre anns an oilthigh am-bliadhna agus faodaidh iad a bhith ann an Gàidhlig, Beurla no Albais.
Cothrom
Feumaidh iad a bhith a-staigh ron 15mh Dàmhair agus 's e an t-ùghdar fhèin a thaghas cò gheibh an duais, a-mach à còignear a thèid air a' ghearr-liosta anns an Dùbhlachd.
Thuirt Mgr May gun do chuir e air dòigh an duais leis gu bheil e a' faicinn cho duilich 's a tha e a bhith faighinn cothrom leabhar fhoillseachadh, no fiù 's spèis fhaighinn airson rudeigin a sgrìobhadh.
"Tha mi airson sgrìobhadairean ùra a th' aig an oilthigh a bhrosnachadh agus tha mi an dòchas gun toir seo misneachd dhaibh.
"Tha mi toilichte gun urrainn dhomh beagan ionmhais a thoirt seachad bhon t-soirbheachas a tha air a bhith agamsa mar sgrìobhadair", thuirt e.